Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) a’ cuairteachadh an Sanas Naidheachd sa às leth Urras Shomhairle.

Chaidh leabhran ùr fhoillseachadh le co-chruinneachadh de bhàrdachd, a’ comharrachadh 100 bliadhna bhon rugadh an sàr-bhàrd Somhairle MacGillEain (1911-1996). Chaidh an leabhran a chur an clò le Urras Shomhairle agus Leabharlann Bàrdachd na h-Alba.

Tha bàrdachd (le eadar-theangachadh) anns an leabhran “Dàin do Shomhairle” bho Mheg Bateman, Aonghas Phàdraig Caimbeul, Maoileas Caimbeul, Raibeart Crawford, Rody Gorman, Catriona NicGumaraid, Anndra Greig, Jackie Kay, Aonghas MacNeacail, Christopher Whyte agus Seamus Heaney. Tha e a’ nochdadh mar phàirt de shreath thachartasan a’ togail air ceann-latha 100 bliadhna bhon rugadh am bàrd ann an Ratharsair.

Sgrìobh Alasdair MacRath, dlùth charaid do Shomhairle, ro-ràdh son an leabhair anns a bheil e ag ràdh:
“Tha e doirbh dhuinne, a bha eòlach air a’ bhàrd, greimeachadh gun do rugadh e ron Chogadh Mhòr, mas deach an Titanic a chur fodha; mas do sgrìobh Eliot The Waste Land, agus mas do chuir Ulysses aig James Joyce agus Sangshaw MhicDhiarmaid saoghal litreachais bun-os-cionn. Cia mheud tachartas, no gnothach litreachais a tha fhathast a’ sìneadh thugainn, agus fhathast le buaidh a’ chrathaidh a tha an-lùib a bhith ùr-nò? Tha Seamus Heaney a’ cur na ceist ann an dòigh a tha a’ leantainn Yeats anns a’ bhàrdachd eadar- thoinnt’ aige fhèin ‘Of all those starting out’, agus tha tomadachd na ceist air leth freagarrach ri taobh misneachd agus soirbheachadh Shomhairle.”

A’ foillseachadh an leabhrain ùr, thuirt Cathraiche Urras Shomhairle Eardsaidh Black:
“Tha an co-chruinneachadh beag, ach cudromach a tha seo a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon rugadh am bàrd gu math freagarrach an co-bhuinn ri grunn dhaoine air an tug Somhairle buaidh mar bhàird agus dhaoine fa-leth. Tha sinn air leth toilichte tighinn còmhla ri Leabharlann Bàrdachd na h-Alba mar seo agus tha fiughar again a-nis ri na tachartasan iomraiteach eile a tha a’ comharrachadh na bliadhna seo.”

Tha 32 duilleag anns an leabhran, a tha gan reic aig £6. Tha e ri fhaotainn bho Chomhairle nan Leabhraichean, bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, air loidhne agus aig an leabharlann fhèin, a bharrachd air bùithtean agus tachartasan litreachais leithid Fèis Eadar-nàiseanta Leabhraichean Dhùn Èideann.
Airson barrachd fiosrachaidh, cuiribh fios gu Cathraiche Urras Shomhairle, Eardsaidh Black aig 01463 230588.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach