Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Thàinig 16 sgoilearan Gàidhlig còmhla Disathairne 11mh Gearran ann an Glaschu aig an treas tachartas ‘Dràma le astar’ far an robh an òigridh a chruthachadh dràma goirid taobh staigh sreath de bhùithtean obrach a mhair latha.

Thachair an tachartas ann an Leabharlann Mhìcheil agus ann an sgioban beaga chruthaich an òigridh dràma goirid air cuspair ‘cogadh’ a thagh iad fhèin às dèidh deasbad a cleachadh rudan beaga pearsanta a thug iad a-steach gus beachdan cruthchachail a thoirt dhaibh. Fhuair na teaghlaichean chothrom na dh’ullaich iad fhaicinn mus do chrìochnaich iad feasgar, rinn gu leòr sin agus chòrd e riutha math! Tha na dealbhan air an duilleag seo a sealtainn cuid de na bha dol air an latha.

Bha Dràma le Astar na dheagh cothrom don òigridh na sgilean cànain agus dràma a leasachadh ann an dòigh spòrsail agus am brosnachadh taisbeanadh an obair aca air àrd-urlar.

Thuirt Artair Donald, stiùiriche an dràma;
“Chòrd an latha rium gu mòr. Thòisich sinn le geamaichean dràma agus an uairsin dh’innis a h-uile duine sgeulachd. Bha e fìor mhath a bhith ag obair le buidheann òigridh aig an robh ùidh ann an dràma. Dh’obraich a h-uile neach gu math cruaidh a cruthachadh agus a leasachadh an sgeulachd aca. Bha gach buidheann gu math cuideachail le chèile. Chruthaich am buidheann pìos dràma gu math làidir airson sealltainn aig deireadh an latha! Tha mi ’n dòchas gun do chòrd an latha ris a h-uile duine a ghabh pàirt!”

Thuirt Mairead NicEacharna, ball CLDRG;
“Tha dràma na h-òigridh a’ fàs nas làidire gach bliadhna. Tha CLDRG toilichte taic a thoirt do Chomunn na Gàidhlig a-rithist gus an cothrom cudtromach seo a thoirt seachad do sgoilearan. ’S fheudar do làithean mar seo a bhith ann gus am faigh iad misneachd Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile.”

Bha an seisean air a chuir air dòigh le Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu is Comunn na Gàidhlig agus Glaschubheò agus air a mhaoineachadh le CLDRG.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach