Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) a’ sireadh iarrtasan bho luchd ceumnachaidh a tha fileanta sa Ghàidhlig agus bu mhiann obair fhaighinn ann an roinnean leasachaidh Gàidhlig. Tha CnaG cuideachd a’ sireadh iarrtasan bho bhuidhnean an sàs an leasachadh Gàidhlig a bhiodh airson neach ceumnachaidh fhastadh airson bliadhna.

Tha an Sgeama Luchd Ceumnachaidh, a th’ air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, a’ leigeil le Ghàidheil òga a’ chiad cheum a ghabhail ann an saoghal na h-obrach le bhith a’ toirt obair fad bliadhna dhaibh, a’ toirt cothrom dhaibh a bhith an sàs ann an raon fharsaing de dhreuchdan Gàidhlig agus a bhith ag obair ann an àrainn Ghàidhlig. Tha an Sgeama a’ tabhann tuarastal de £17k sa bhliadhna don luchd ceumnachaidh agus bidh iad cuideachd a’ faighinn cothrom cùrsa fèin leasachaidh a fhrithealadh a bhios feumail dhaibh agus cuideachd a chuireas rin cunntas-beatha. Tha an Sgeama feumail do na buidhnean leis gu bheil iad a’ faighinn daoine òga, làn misneachd is spionnadh, le sgilean sònraichte a’ toirt cothrom don bhuidhnean a bhith a’ leudachadh an cuid obrach agus na seirbheisean a tha iad a’ tabhann. Bidh CnaG cuideachd a’ toirt taic-airgid dhaibh airson cuideachadh le cosgaisean fastaidh.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG: “Tha mi uamhasach toilichte a bhith a’ cur sgeama na bliadhna sa air bhog agus taingeil do Bhòrd na Gàidhlig airson an Sgeama a mhaoineachadh. Ann a bhith cur air chois gnìomhan eaconamach an lùib na Gàidhlig, tha àite cudromach aig an sgeama ann a bhith a’ ceangal cùrsaichean oilthigh ris an àite-obrach agus ann a bhith a’ fosgladh suas chothroman cosnaidh do luchd ceumnachaidh ùra. ’S e seo an ochdamh bliadhna a tha an Sgeama air a bhith a’ ruith agus thairis nam bliadhnachan sin tha 35 luchd ceumnachaidh air compàirteachadh innte. Leis a’ chrìonadh a tha sinn a’ fulang san eaconamaidh an-dràsta, tha mi cinnteach gum bi iarrtas mhòr air àitean air sgeama na bliadhna sa agus dh’iarrainn air luchd ceumnachaidh agus buidhnean fios a chuir thugainn ma tha uidh aca pàirt a ghabhail innte.”

Thuirt Leasaiche Cànain Bhòrd na Gàidhlig, Daibhidh Boag: “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur luach mhòr air an Sgeama Luchd Ceumnachaidh. Tha e cudromach gu bheileas a’ cruthachadh chothroman don òigridh cosnadh fhaighinn a chuireas ris an obair a tha dol air adhart gus a’ chànan a neartachadh, chan ann a-mhàin air Ghàidhealtachd ’s nan eilean, ach air feadh Alba. Tha mòran aig an òigridh a th’ air ùr cheumnachadh ri thabhann agus tha e cudromach gun tèid na sgilean, misneachd is lèirsinn aca a chur gu feum gus piseach a thoirt air cor na Gàidhlig.”

Gheibh luchd ceumnachaidh aig am bheil ùidh san Sgeama tuilleadh fiosrachaidh agus Foirm Iarrtais an seo. Bu chòir do bhuidhnean aig am bheil ùidh san Sgeama fios a chuir gu Calum Iain MacLeòid, Oifis ChnaG, Steòrnabhagh (Fòn) 01851 701802 no Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach