Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Comunn na Gàidhlig, (CnaG) air foillseachadh trì dreuchdan às ùr a tha iad airson an lìonadh le luchd-ceumnachaidh. Tha seo mar phàirt de Sgeama Luchd Ceumnachaidh 2011/12. Tha an Sgeama, a th’ air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, ag amas air luchd ceumnachaidh aig am bheil Gàidhlig agus a bu mhiann obair fhaighinn ann an roinnean leasachaidh Gàidhlig. Tha na dreuchdan sa a th’ air am foillseachadh às ùr stèidhte an Steòrnabhagh, Slèite, san Eilean Sgitheanach is Inbhir Nis le Acair, Sabhal Mòr Ostaig is Comann nam Pàrant. Tha iad seo, a thuilleadh air dreuchd a thathas mu thràth air a lìonadh aig Pròiseact nan Ealan, a’ ciallachadh gum bith ceathrar ùra air an Sgeama am bliadhna.

Thuirt Leasaiche Cànain Bòrd na Gàidhlig, Daibhidh Boag: “Tha ‘n sgeama seo air a bhith soirbheachail gu ruige seo agus tha mi glè chinnteach gum faigh an luchd-ceumnachaidh seo cothrom math dha-rìribh. Tha e deatamach gum bi cothroman obrach aig luchd-ceumnachaidh airson taic a chumail ri leasachaidhean cànain agus leasachaidhean eaconomaidh. Tha ’n dà rud gu math cudromach agus tha ceangal làidir eatorra.”

Thuirt Eilean Green, a th’ air an Sgeama Ceumnachaidh bliadhna còmhla ri MG ALBA: “Tha Sgeama Luchd Ceumnachaidh aig Comunn na Gàidhlig air a bhith cianail fhèin feumail agus tha mi air tòrr chothroman mhìorbhaileach fhaighinn san obair a fhuair mi tron sgeama. Tha e glè dhuilich airson daoine òga mar mi fhèin a bhith a' crìochnachadh oilthigh is a' lorg obair gun mòran eòlas air saoghal na h-obrach, is mar sin tha e uabhasach cudthromach gu bheil CnaG a' tabhann obair dha luchd-ceumnachaidh a leasaicheas an cuid sgilean is misneachd. Tha mi cho taingeil gun tug CnaG agus MG ALBA a' chothrom seo dhomh agus mholainn-sa dha duine sam bith a chur a-staigh airson Sgeama Luchd-ceumnachaidh CnaG.”

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG: “Tha mi air leth toilichte gu bheil Bòrd na Gàidhlig a’ toirt aithne do luach an Sgeama sa le bhith a’ toirt ionmhas dhuinn airson ceathrar luchd-ceumnachaidh fhaighinn a-steach a dhiofar ghnìomhachasan. Tha na dreuchdan a tha sinn air fhoillseachadh an diugh a’ toirt a’ chothrom do luchd ceumnachaidh, a tha fileanta sa Ghàidhlig agus aig am bheil sgilean riatanach, cur ris an obair a tha na buidhnean a’ dèanamh mar-thà, a’ togail air na sgilean a chaidh ionnsachadh tron chùrsa foghlaim, agus a’ togail sgilean ùra mar a thathas a’ dol air adhart.”

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach