Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais a’ cur clasaichean Gàidhlig air adhart do luchd-ionnsachaidh na sgìre (Nis, Barabhas & Siabost), clasaichean a bhios saor ’s an asgaidh, airson blasad a thoirt dhaibh air a’ chànan. Bidh na clasaichean, a tha ag amas air feadhainn aig am bheil glè bheag de Ghàidhlig, a’ ruith airson sia seachdainean. Tha na clasaichean ag amas air sgilean còmhraidh agus briathrachais a bhrosnachadh am measg luchd-ionnsachaidh, le dòchas is dùil, bun-stèidh a thogail airson tuilleadh ionnsachaidh, am measg an luchd-ionnsachaidh. Aig deireadh na sia seachdainean, thathas an dùil buidheann luchd-ionnsachaidh ionadail a stèidheachadh, gus breithneachadh air slighe air adhart dhaibh. A thuilleadh air an dòigh teagaisg a bhios aca rè nan clasaichean, gheibh iad cuideachd blasad air an dòigh teagaisg, Ùlpan. Tha Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais ag obair an co-bhonn le Roinn Foghlam Coimhearsnachd, Comhairle nan Eilean Siar air a’ chùrsa.

Thèid na clasaichean an cumail ann an;

  • Sgoil Bharabhas, Barabhas gach Diciadain (a’ tòiseachadh air an 2mh) aig 7.30-9f
  • Spòrsnis, Nis gach feasgar Diardaoin (a’ tòiseachadh air an 3mh) aig 7.30 – 9f
  • Ionad na Seann Sgoil, Siabost gach Diardaoin (a’ tòiseachadh air an 3mh) aig 7.30 – 9f.

Ma tha ùidh agad anns na clasaichean cuir fòn chun àireamh fòn airson clasaichean oidhche: 01851 822716.

Tha Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Comunn na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach