Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

2na Samhain 2010

Ghabh a’ chiad chuairt de Dheasbad BT Alba 2010 àite an-diugh anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh. Bha fichead sgioba bho sia sgoiltean deug bho air feadh Alba a’ deasbad air caochladh cuspairean. Thèid na deich sgiobaidhean a bhuannaich, agus an dà sgioba a chaill ach a bha fhathast laidir ann am beachdan nam britheamhan troimhe chun an dàrna cuairt. Anns an dàrna cuairt, bidh na sgiobaidhean a’ deasbad air an aon chuspair agus thèid na ceithir sgiobaidhean le na comharran as àirde troimhe chun an iar-chuairt dheireannach a thèid a chumail ann an Dùn Èideann air 23 Samhain 2010.


A h-uile sgoilear a bha deasbad

’S iad na britheamhan an-diugh agus a-màireach, Mata MacÌomhair, Ollamh airson Foghlam Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Roddy John MacLeòid, Iar Chathraiche Cùirt Fearann na h-Alba agus Siorraidh ann an Taigh Shiorram Dhùn Èideann agus Màiri NicCuthais a tha ag obair aig Comhairle nan Leabhraichean.

Tòisichidh an dàrna cuairt anns an Lanntair feasgar a-màireach (Diciadain) aig 1.30f agus tha cuireadh fhialaidh a’ dol gu neach sam bith a bhith an làthair. ’S ann a beachdachadh air an aon chuspair: ‘Tha na h-Aimeireagannaich fada nas fheàrr air na Breatannaich air prògraman telebhisean a dhèanamh”. Chaidh an taghadh airson an Dàrna Cuairt mar a leanas:

  • Sgoil Bhagh a’ Chaisteil A V Acadamaidh Allt a’ Mhuillin
  • Acadamaidh Rioghail Inbhirnis V Àrd-sgoil Phort Rìgh
  • Sgoil MhicNeacail A V Lionacleit
  • Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu B V Sir E Scott
  • Sgoil MhicNeacail B V Acadamaidh Bhaile Theàrlaich
  • Acadamaidh Rioghail Bhaile Dhubhthaich V Acadamaidh Hazlehead

Tha a’ Chomataidh Rianaidh airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad.

Tha taic agus maoineachadh cuideachd a thighinn bho Chomunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Buidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach