Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Bidh suas ri 70 daoine òg bho sgoiltean air feadh Alba a’ tighinn còmhla Disathairne seo tighinn gus feuchainn cò an sgioba a thogas Cuach na Cloinne 2011, farpais ball-coise airson clann sa bhun-sgoile, aig am bheil Gàidhlig. Coinnichidh naoi sgiobaidhean a tha mu thràth air buannachadh troimhe farpaisean roinneil, a chaidh an cumail sa mhìos a chaidh seachad an Leòdhas, sa Phloc, Inbhir Nis, an t-Òban agus Glaschu gus faicinn cò thig am bàrr agus a thogas an cupa. Thèid na Cuairtean Deireannach an cumail Disathairne 1d Dàmhair aig Raon-cluiche Àrd-sgoil Loch Abair agus tòisichidh cùisean aig 10.30. Bidh sgoiltean ann à Leòdhas, an t-Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain, An Gearasdan, Dùn Òbhainn, Comar nan Allt agus Dùn Èideann.

Thuirt Iain Gòrdon Dòmhnallach, Ceannard Sgoil Shiaboist, “Tha a’ chlann a’ faighinn mòran bhuannachdan bho bhith a’ gabhail pàirt ann an Cuach na Cloinne. Tha iad a’ faighinn cothrom a’ Ghàidhlig a bhruidhinn ri cloinn à sgìrean eile air feadh Alba agus tha iad a’ faighinn eòlas air àiteachan eadar-dhealaichte. A thaobh slàinte is fallaineachd, tha e math dhaibh a bhith a’ dol an sàs ann an spòrs, agus còmhla ri sin tha iad a’ fàs nas làidir annta fhèin air a losd.”

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig, a tha a’ ruith an fharpais, “Tha sinn glan air dòigh leis mar a chaidh na farpaisean roinneil sna diofar sgìrean agus tha sinn a-nis a’ coimhead air adhart ris na Cuairtean Deireannach. Tha e cudromach gu bheil clann aig am bheil Gàidhlig a’ faighinn cothroman taobh a-muigh na sgoile an cuid Gàidhlig a chleachdadh agus tha spòrs na dheagh mheadhan airson seo a dhèanamh. Tha e cuideachd math dhaibh faicinn gu bheil a’ Ghàidhlig air a cleachdadh air feadh na h-Alba, agus nach ann a-mhàin sna sgìrean sa bheil iad fhèin a’ fuireach. Tha sinn taingeil do na buidhnean a tha a’ maoineachadh farpais na bliadhna sa, ’s e sin, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus MG ALBA agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri latha math eile.”

Thuirt Iain Fionnlasdan, Ceannard Bun-sgoil Phort Rìgh, “Mar sgoil a tha làidir air cur-seachadan spòrsail agus fallain don sgoilearan, a thuilleadh air a bhith a’ cur taic ri ar cultar Ghàidhlig, tha sinne glan air ar dòigh a bhith an sàs an Cuach na Cloinne. Tha an fharpais a tha seo a toirt cothroman a bharrachd do na sgoilearan a Ghàidhlig a cleachdadh taobh a-muigh na sgoile agus tha e cuideachd a’ toirt cothrom do na sgoilearan caraidean às ùr a dhèanamh, a bhios aca o seo a-mach.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach