Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Thàinig 18 sgoilearan Gàidhlig còmhla Disathairne 12mh Gearran ann an Glaschu aig an darna tachartas ‘Dràma le astar’ far an robh an òigridh a chruthachadh pìosan dràma goirid taobh staigh sreath de bhùithtean obrach a mhair latha. Bha an seisean air a chuir air dòigh le Comunn na Gàidhlig agus Glaschubheò agus air a mhaoineachadh le CLDRG.

Thachair an tachartas ann an Leabharlann Mhìcheil agus ann an sgioban beaga chruthaich an òigridh pìosan dràma goirid agus rinn iad pìos còmhla cuideachd. Fhuair na teaghlaichean chothrom na dh’ullaich iad fhaicinn mus do chrìochnaich iad feasgar, rinn gu leòr sin agus chòrd e riutha math! Tha na dealbhan air an duilleag seo a sealtainn cuid de na bha dol air an latha.

Bha Dràma le Astar na dheagh cothrom don òigridh an sgilean cànain agus dràma a leasachadh ann an dòigh spòrsail agus am brosnachadh taisbeanadh an obair aca air àrd-urlar.

Thuirt Artair Donald, stiùiriche an dràma;
“’S e latha air leth soirbheachail a bh’ againn! Thòisich sinn le geamaichean dràma, ’s an uairsin rinn sinn rud beag air sgeulachdan goirid. Rinn sinn tòrr obair ann am buidheann agus a bhith leasachadh sgilean obrachadh còmhla! An rud as cudromaiche mu dheidhinn an latha, ’s e gu robh a h-uile duine ag obair uabhasach cruaidh gun fhios dhaibh oir bha an latha làn spòrs agus fealla-dhà cuideachd. Chaidh an latha seachad gu math luath agus dheannain seo a h-uile seachdain. Chòrd e rium fhìn gu mòr a bhith ag obair le òigridh a bha comasach agus toilichte a bhith ag obair troimh meadhan na Gàidhlig.”

Thuirt Mairead NicEacharna, ball CLDRG;
“Tha CLDRG gu math toilichte a cho-obrachadh le Comunn na Gàidhlig gus dràma òigridh a bhrosnachadh. Tha làithean mar seo fìor chudromach mar chothrom Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile, agus bidh na sgilean a dh’ionnsaicheas iad a’ togail misneachd annta.”

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach