Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

5mh Dàmhair 2011

Tha an obair ullachaidh mu choinneamh Deasbad BT Alba 2011 a-nis air tòiseachadh. Thèid a’ chiad dà chuairt a chumail anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh air Dimàirt agus Diciadain an ochdamh agus an naoidheamh là den t-Samhain 2011. Bidh ochd sgoiltean deug bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt anns a’ cho-fharpais, dhà dhiubh sin airson a’ chiad turas riamh. Thèid ceithir sgiobaidhean air adhart chun an iar-chuairt agus a’ chuairt dheireannach a thèid a chumail ann an Dùn Èideann air Dimàirt agus Diciadain 29 agus 30 Samhain 2011. Anns an dàrna cuairt, bidh dusan sgioba a’ deasbad air an aon chuspair agus thèid na ceithir sgiobaidhean le na comharran as àirde troimhe chun na h-iar-chuairtean deireannach. Chaidh an taghadh airson a’ chiad chuairt mar a leanas:

  • Àrd-sgoil Ualais v Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
  • Sgoil Sir E. Scott v Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu B
  • Acadamaidh Grange v Sgoil MhicNeacail
  • Àrd-sgoil Phort Rìgh v Àrd-sgoil Sheumais Gillespie
  • Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig v Àrd-sgoil Lochabar
  • Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich v Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn
  • Àrd-sgoil an Òbain v Àrd-sgoil Ghleann Challdair
  • Àrd-sgoil Thiriodh v Acadamaidh Hazlehead
  • Sgoil Lìonacleit v Àrd-sgoil Gheàrrloch
  • Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil v Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu A

Thuirt Calum Iain MacLeòid, Stiùiriche Leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig, agus a tha na Chathraiche air Comataidh Rianaidh Deasbad Nàiseanta nan Sgoiltean Ghàidhlig:
“Bliadhna às dèidh bliadhna tha sinn a’ faicinn am farpais seo a’ dol bho neart gu neart. Tha e cuideachd na mhisneachd a bhith a’ faicinn dà sgoil ùr a’ gabhail pàirt san fharpais airson a’ chiad turas a-riamh; Àrd-sgoil an Òbain agus Acadamaidh Grange à Cille Mhearnaig. Tha Deasbad BT Alba a’ toirt cothrom do sgoilearan Ghàidhlig aig aois àrd-sgoil a thighinn còmhla agus na sgilean deasbad agus conaltraidh aca a leasachadh – sgilean a bhios feumail dha rìreabh dhaibh ’s na bliadhnaichean a tha air thoiseach orra.

Thuirt Stiùiriche BT Alba Brendan Dick:
“Tha BT Alba air taic a thoirt do Dheasbad nan Sgoiltean airson trì bliadhna deug a-nis agus tha sinn gu mòr airson misneachd a thoirt don òigridh Gàidhlig a bhruidhinn. Tha mi a’ guidhe a h-uile soirbheachas do gach sgioba ann am farpais na bliadhna seo agus tha mi gu sònraichte toilichte fàilte a chur air na sgoiltean a tha a’ gabhail pàirt airson a’ chiad turas”.

Tha làrach-lìn Deasbad BT air ùrachadh fhaighinn. Cuideachd tha taghadh a’ chiad chuairt ri fhaicinn.

Tha a’ Chomataidh Rianaidh airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad.

Tha Comunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Buidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig cuideachd a’ cur taic ri Deasbad Nàiseanta BT Alba 2011.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach