Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha buidheann choimhearsnachd ann an Loch Abair air làrach-lìn a chur air dòigh gus iarrtasan a bhrosnachadh airson dreuchd tidsear Gàidhlig sa Ghearasdan.

Stèidhich Iomairt Ghàidhlig Loch Abair www.tidsear-lochabair.org mar làrach fiosrachaidh dhaibhsan a tha beachdachadh air dreuchdan Gàidhlig sa sgìre, gu sònraichte teagasg. Tha fiosrachadh air an làrach-lìn mu bheatha Loch Abair agus thathar an dùil ri tagraidhean a bhrosnachadh do dhreuchdan Gàidhlig sa sgìre.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air dreuchd tidseir a shanasachd aig Àrd-sgoil Loch Abair le tuarastal bho £21438 gu £34200. Tha an sgoil stèidhichte sa Ghearasdan.

Tha Iomairt Ghàidhlig Loch Abair ag amas air taic a thoirt don Chomhairle le tagraidhean a bhrosnachadh agus cuideachd comasach air taic a thoirt seachad le rannsachadh àite-fuirich.

Tha Loch Abair air leasachaidhean Gàidhlig a thoirt air adhart thar nam bliadhnaichean agus tha buidhnean air tighinn còmhla gus taic a thoirt do Chomhairle na Gàidhealtachd le tidsear Gàidhlig ùr a lorg don sgìre. Gheibh an tagraiche soirbheachail taic bho phàrantan agus buidhnean ionadail.

Gheibhear fiosrachadh air an làrach-lìn air Sgìre Loch Abair, cothroman-obrach, dòigh-beatha agus àitean-fuirich. Chan urrainn don Iomairt fiosrachadh mionaideach a thoirt seachad air dreuchdan, tuarastail no inbhe seirbheis às leth na Comhairle. Tha an làrach-lìn neo-eisimeileach bhon Chomhairle

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach