Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

31mh Dàmhair 2011

Tha an obair ullachaidh mu dheireadh mu choinneamh Deasbad BT Alba 2011 a-nis a’ gabhail àite fad is farsaing air feadh na dùthcha. Thèid a’ chiad dà chuairt a chumail anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh an ath sheachdain, sin Dimàirt agus Diciadain an ochdamh agus an naoidheamh là den t-Samhain 2011. Gabhaidh a’ chiad chuairt àite aig 1.00f agus a-rithist aig 6.30f Dhimàirt. Anns an tachartas bhliadhnail, bidh fichead sgioba bho naoi sgoiltean deug bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt anns a’ cho-fharpais chliùiteach a tha air a bhith a’ gabhail àite airson còrr air trì bhliadhna deug a-nis. A’ gabhail pàirt anns an Deasbad airson a’ chiad turas a-riamh tha Àrd-sgoil an Òbain agus Acadamaidh Grange à Cille Mhearnaig.

Thèid na ceithir sgoiltean mu dheireadh air adhart chun iar-chuairt a thèid a chumail ann an Ionad Sgeulachdan Dhùn Èideann air Dimàirt 29 Samhain agus gabhaidh a’ chuairt dheireannach àite aig Pàrlamaid na h-Alba aig Holyrood air Diciadain 30 Samhain. Cluinnear cuideachd a’ chuairt dheireannach beò air BBC Radio nan Gàidheal.

Bidh na còig sgiobaidhean a bhuannaich anns na deich farpaisean ann an Cuairt 1 a’ faighinn troimhe agus an dà sgioba eile a b’ fheàrr ann am beachd nam britheamhan. Mar sin, bidh sia farpaisean anns an dàrna cuairt – gach farpais air an aon chuspair. Gheibh na ceithir sgiobaidhean as àirde aig am bi puingean troimhe chun iar-chuairt deireannaich. Tòisichidh an dàrna cuairt air Diciadain an naoidheamh là, aig 1.30f agus cluinnear sia deasbadan air an fheasgar sin. Tha fàilte chridheil air neach sam bith a thighinn a dh’èisteachd ri na deasbadan. Thuirt Cathraiche Comataidh Rianaidh Deasbad Nàiseanta nan Sgoiltean Ghàidhlig, Calum Iain MacLeòid:

“Mholainn do neach sam bith a dhol a dh’èisteachd ri Deasbad BT Alba 2011 agus taic a thoirt dha. Gach bliadhna tha sinn a’ faicinn deasbad a tha air leth tarraingeach – a tha a na dheagh thaisbeanadh air na sgilean làidir a tha aig sgoilearan ann an conaltradh agus deasbad. Tha mi cuideachd toilichte fàilte a chur air na trì sgoiltean ùra a tha a’ gabhail pàirt airson a’ chiad uair agus tha mi an dòchas gun còrd a’ chùis riutha. Ma tha sibh airson feasgar inntinneach a chur seachad mholainn dhuibh ar slighe a dhèanamh chun an Lanntair”.

Airson tuilleadh fiosrachaidh thèid gu làrach-lìn an Deasbad BT 2011. Air an làrach sin cuideachd gheibhear cothrom sùil a thoirt air bhideo treànaidh ùr airson farpaisich na bliadhna seo.

Tha a’ Chomataidh Rianaidh airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad.

Tha Comunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Buidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig cuideachd a’ cur taic ri Deasbad Nàiseanta BT Alba 2011.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach