Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Ghabh a’ chuairt dheireannach de Dheasbad BT Alba 2011 àite ann am Pàrlamaid na h-Alba a nochd fhèin eadar sgiobaidhean bho Àrd-sgoil Gheàrrloch agus Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn.

Anns a’ chuairt dheireannach, anns an robh ceathrar nighean, ’b iad Ceitidh Alice agus Anna Hulme, peathraichean à Geàrrloch, a bhuannaich aig a cheann thall. Cha robh a’ chùis idir furasta do na britheamhan, Ruairidh Iain MacLeòid, Jo NicDhòmhnaill agus Raonaid Nic a’ Phearsain. Chaidh moladh a thoirt do chailleagan Allt a’ Mhuilinn, Caitlin Nic a’ Ghobhainn agus Emily NicFhionghain airson an sàr ìre de dheasbad.

’B e Anna Hulme a ghlèidh duais Neach-labhairt as Fheàrr ann an Deasbad 2011 agus bha Alasdair MacLeòid bhon BhBC an làthair airson an duais a thoirt seachad. Bha na britheamhan air an beò ghlacadh leis Anna bho fhìor thoiseach am farpais agus a thuilleadh air a bhith a’ toirt seachad argamaid a bha air a dheagh rannsachadh cha robh na h-òraidean aig Anna air an sgrìobhadh sìos. Dùbhlan do dh’inbheach sam bith, bha òraidean Anna proifeasanta, air an deagh lìbhrigeadh agus làn stoidhle.

Tha a’ Chomataidh Rianaidh airson taing a thoirt do BhT Alba, na prìomh luchd taic, airson an taic a tha iad air a thoirt seachad.

Tha Comunn na Gàidhlig, am BBC, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig, MG Alba, Buidheann Stiùiridh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig cuideachd a’ cur taic ri Deasbad Nàiseanta BT Alba 2011.  

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach