Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Thig na ceudan de Ghàidheil òga còmhla thairis air na seachdainean tha ri teachd is iad a’ riochdachadh na trichead sgoile bho air feadh Alba a tha gu bhith a’ strì gus ‘Cuach na Cloinne’ 2011 a thogail.

Bithidh 46 sgioba an sàs ann am farpais na bliadhna-sa – an àireamh às àirde a bh’ann a-riamh. Tha Cuach na Cloinne air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig (CnaG), le taic airgid bho chomhairlean ionadail is buidhnean eile.

An dèidh mar a shoirbhich leis an fharpais sna bliadhnachan a chaidh seachad, tha CnaG air farpais 2011 a chur air dòigh le sia farpaisean roinneil air an cumail agus dà sgioba bho gach farpais roinneil a’ dol troimhe chun Cuairtean Deireannach a thèid a chumail sa Ghearasdan air 1 Dàmhair 2011. Thèid farpaisean roinneil an cumail an Leòdhas, Uibhist, Am Ploc agus Inbhir Nis air 3 Sultain agus farpais roinneil airson a’ chiad uair san t-Òban air 9 Sultain agus am fear mu dheireadh an Glaschu air 10 Sultain.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG, “Tha sinn air leth toilichte leis na tha de sgoiltean air cuir a-staigh airson an fharpais, agus gu sònraichte toilichte fàilte a chuir air sgoiltean à Earra-Ghàidheal is Loch Abair airson a’ chiad uair. Chan e a-mhàin gu bheil farpais ChnaG a’ toirt dhan chloinn an cothrom faighinn troimhe chun Chuairt Dheireannach Nàiseanta agus eadhoin duais Cuach na Cloinne a bhuannachadh, ach tha e cuideachd a’ toirt dhaibh an cothrom coinneachadh ri cloinn le Gàidhlig bho air feadh na dùthcha. Tha e riatanach gum bidh clann aig am bheil Gàidhlig a’ faighinn cothrom a bhith a’ cleachdadh an cànain taobh a-muigh an rùm-sgoile agus ’s e fìor dheagh mheadhan a tha ann am farpaisean spòrs airson seo. Tha sinn air leth taingeil do Chomhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig agus MG ALBA airson an taic-airgid a tha a’ leigeil leinn farpais na bliadhna sa a chuir air dòigh.”

Cluichidh dusan sgiobannan a bha soirbheachail sna farpaisean roinneil airson a’ Chupa sa Chuairt Dheireannaich a bhios air a cumail sa Ghearastan air 1 Dàmhair 2011.

Tha Cuach na Cloinne 2011, a tha fosgailte do chloinn air P 4-7 aig am bheil Gàidhlig, air a mhaoineachadh le Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig agus MG ALBA agus air a chuir air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach