Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

’Son a’ chiad uair tha farpais-cheist taigh-seinnse ’s a Ghàidhlig gu bhith ga chraoladh ‘beò’ air an eadar-lìon.

Tha am farpais-cheist, a th’ air a bhith a’ dol gach mìos ann an Taigh-òsta na Pàirce an Glaschu bho chionn còrr is bliadhna, gu bhith air a chraoladh air làrach-lìn www.glaschu.org/sruth.htm a-màireach (Diciadain 21mh an t-Sultain).

’S ann fo bhratach Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu a thòisichear am farpais, ’s a Chèitean an uiridh, is e ga ruith ann an compàirt ris a’ bhuidheann ‘Meetup Gàidhlig Ghlaschu’. Tha e a-nis air fàs chun an ìre ’s gu bheil mu seachd neo ochd sgiobaidhean, neo eadar 30 is 40 neach, a’ farpais an aghaidh a chèile, is a h-uile càil dhe ga chumail ’s a Ghàidhlig.

’S e Coinneach Combe, Oifigeir Leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig a tha ga stiùireadh às leth na h-Iomairt Ghàidhlig, is tha esan ag ràdh nach robh cus dùil aca ’s a chiad dol a-mach gum bitheadh e cho soirbheachail: “’S a chiad àite, bha sinn dìreach ag amas air cothrom ùr thoirt do dhaoine thighinn còmhla is Gàidhlig a chleachdadh ann an dòigh beagan eadar-dhealaichte is a-mach às an àbhaist, ach gun teagamh tha e air aire daoine tharraing.

“Tha h-uile càil a’ gabhail àite ’s a Ghàidhlig is bithidh measgachadh againn de dh’fhileantaich is luchd-ionnsachaidh. Bithidh sinn a’ dèanamh ar dìcheall daoine chuir a measg a chèile gus am bith an aon cothrom aig a h-uile sgioba, is nach bith soirbheachas ’s an fharpais a’ crochadh idir air comasan Gàidhlig.

“’S dòcha gur e pàirt de na tha tarraingeach mu dheidhinn gum bheil e na ghnothach neo-fhoirmeil, na dhòigh eadar-dhealaichte do dhaoine an cuid Gàidhlig a chleachdadh, seach mar eisimpleir a bhith crochadh air ceòl agus seinn – ged a bhitheas beagan dhan sin a’ dol uaireannan cuideachd às dèidh dhan farpais crìochnachadh!”

Tha e air soirbheachadh leis a’ chuis chun na h-ìre ’s gum bheil Taigh-òsta na Pàirce a’ pàigheadh suim dhan Iomairt Ghàidhlig is dhan bhuidheann ‘meetup’. Tha sin air cothrom thoirt dhan Iomairt uidheamachd-fuaim a cheannach a dh’aona gnothach airson am farpais fhèin a ruith, agus an t-seachdain-sa, gus a chraoladh air an eadar-lìon.

Thuirt Coinneach Combe: “’S e Seachdain nam Meadhanan Sòisealta tha gu bhith ann, agus shaoil sinn gur e dòigh fhreagarrach a bhitheadh an seo a’ Ghàidhlig a chuir na lùib.

“’S dòcha gun tarraing e aire barrachd dhaoine – neo fiù ’s gum brosnaich e feadhainn eile gus an aon rud fheuchainn san sgìre aca fhèin? Dh’fhaodadh gum bitheadh cothrom againn cuideachadh a’ choreigin a thoirt dhaibh.”

Bithidh am farpais ri chluinntinn tro làrach-lìn www.glaschu.org/sruth.htm aig 8f Diciadain 21mh an t-Sultain.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach