Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Bhon chaidh an sanas naidheachd seo a sgaoileadh bha againn ri na bh’ anns an amharc airson campa na deugairean atharrachadh. Thoir sùil an seo airson am fiosrachadh as ùire.

Tha dà chothrom ùr gan tabhann do dh’òigridh na Gàidhlig as t-samradh sa tighinn, le dibhearsain de dh’iomadh seòrsa nan luib.

Tha na tachartasan gan cuir air bhonn le Comunn na Gàidhlig (CnaG), le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig. Thèid an dà chàmp an ruith an ìre mhath air fad tro mheadhan na Gàidhlig, agus ’s ann airson clann is deugairean a tha fileanta ’s a chànain a tha iad.

’S a chiad àite bithidh Campa Sradagan fosgailte do 25 òganaich eadar 9 agus 12 bliadhna, agus a’ leantainn sin, Campa nan Deugairean far am bi àite ann airson suas ri 45 neach òg eadar 12 agus 17 bliadhna dh’aois.

Tha Campa na Sradagan gu bhi ann ionad chur-seachadan Sgaladail anns na Hearadh eadar an 11mh agus 15mh den t-Iuchar. Tha prògram ga dheasachadh a bhitheas luma-làn de spòrs, le farsaingeachd de dhiofar chur-seachadan is cleasan gan toirt seachad, bho sreap is spòrs-uisge gu tursan ’s a choimhearsnachd, dràma, cèilidh agus farpais-cheist.

Tha dùil ri iarrtas làidir airson a’ champa seo. Tha fiosrachadh mu dheidhinn ga sgaoileadh an dràsta am measg na buidhnean Sradagan a tha dol ann an diofar sgìrean na dùthcha, agus tha na h-iarrtasan a’ tighinn a-steach mu thràth.

Tha Campa nan Deugairean, a tha ga chuir air bhonn ann an compàirteachas ùr eadar CnaG agus a’ bhuidheann an ‘SSC’, gu bhi ga chumail eadar 1mh agus 5mh an Lùnastal faisg air an Càil Mhìnn ann an ceann a tuath Siorrachd Pheairt. Tha an campa seo gu bhi nas ‘traidiseanta’ gu ìre – leis gur ann ‘fo chanabhas’ a bhitheas e ga thoirt seachad – agus mar a’ bhitheadh dùil tha prògram inntinneach de chur-seachadan ga stèidheachadh bho spòrs de dhiofar seòrsa; farsaingeachd de gheamachan; ceòl, craic is cleasachd air an oidhche; agus dìreach cothrom gus còmhradh agus cabadaich a bhi ann eadar càirdean sean is ùr. Bithidh àite ann airson suas ri 45 dhaoine-òga.

B’ àbhaist do ChnaG a bhi an sàs ann an tachartasan mar seo agus, a rèir an Ceannard, Dòmhnall MacNèill, tha iad gu math toilichte a bhi an luib a leithid a rithist: “Tha sinn taingeil gun do shoirbhich leis an tagradh againn gu Bòrd na Gàidhlig airson taic-airgid gus an dà champa seo chuir air dòigh. Tha sinne ag aontachadh gum bheil e cudromach gum bitheadh na h-aon shèorsa chothroman aig òigridh na Gàidhlig ’s a tha gan tabhann do chàch tron Bheurla, ach leis na campaichean seo tha amas nas bunaitich agus nas cudromaiche againn – sin gun còrd a chùis ris an òigridh fhèin, is gun tèid iad dhachaigh air an dòigh glan leis na làithean a chuir iad seachad còmhla rinn agus air am misneachadh gus tilleadh a rithist an ath-bhliadhna nam bitheadh an cothrom ann.”

“Bithidh daoine eòlach ’s dòcha air Campa Sradagan, rud a bha a’ dol againn grunn bhliadhnachan, ach ma dh’fhaoidte nach bithidh iad cho eòlach air Campa nan Deugairean – co-dhiù san t-seadh ùr seo. Tha an ‘SSC’ – leis am bheil sinn a’ cuir an campa seo air dòigh – air a bhi an sàs ann an campaichean òigridh bho chionn an ìre mhath ceud bliadhna agus bithidh na ceudan dol thuca h-uile samhradh. Faodaidh mi fhìn a ràdh, ged tha greiseag bheag ann bhon uairsin, gun deach mi fhìn chun na campaichean aca airson trì bliadhna, is le sin gum bheil deagh bheachd agam air cho tarraingeach ’s a tha iad.”

Ged a tha Bòrd na Gàidhlig a’ cumail taic-airgid ri na campaichean, feumar pàigheadh fhathast airson àite ghlèidheadh orra. Tha Campa na Sradagan a’ cosg £150 gach neach, is Campa nan Deugairean £175.

Thuirt Dòmhnall MacNèill: “Tha sinn a’ deasachadh an tuilleadh fiosrachaidh do phàrantan is òigridh an dràsta fhèin, agus tha sinn an dòchas gum bi sin ri fhaighinn air an làrach-lìn againn ann an ùine nach bith fada. Ach ’s an eadar-ama, tha sinn mothachail air cho cudromach ’s a tha e – do phàrantan gu h-àraid – fios a bhi aca cho aithghearr ’s a ghabhas mu rudan mar seo gus am faigh iad air plana dhèanamh airson na saor-làithean.”

Airson an tuilleadh fiosrachaidh mun sanas-nàidheachd seo cuiribh fòn gu: Dòmhnall MacNèill; Ceannard, 01463 234138.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach