Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


Cuin: Gach Diciadain (12–2f)

Càite:
An Lèanag, 22 Sràid Achadh a Mhansa, Partaig, Glaschu, G11 5QP

Prìs: £2 gach seisean

A bheil thu a’ feuchainn ri Gàidhlig ionnsachadh ach a’ faireachdainn nach eil thu a’ dèanamh adhartas sam bith? A bheil thu airson na sgilean cànain agad a thoirt gu ìre còmhraidh nàdarra agus comhfhurtail?

Ma tha, tha buidheann ùr air tòiseachadh ann an Glaschu a bhiodh air leth freagarrach dhut.

Bidh Inbhich gu Fileantais a’ coinneachadh gach feasgar Diciadain anns An Lèanag far am faigh thu an cothrom coinneachadh ri luchd-ionnsachaidh eile agus còmhradh air diofar chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig – naidheachdan an latha, prògraman rèidio is telebhisean, abairtean, gnàthsan-cainnt – rud sam bith!

Bidh gach seisean air an stiùireadh le neach fileanta agus gheibh thu an cothrom èisteachd agus còmhradh ri luchd-fileanta bho dhiofar àiteachan ann an àrainneachd Ghàidhlig.

Siuthad ma tha, gabh an cothrom seo ceum nas fhaisge a ghabhail air a bhith a’ ruighinn ìre fileantais sa Ghàidhlig!

Tha Inbhich gu Fileantais air a ruith le Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fòn gu 0141 339 2022, neo thoir sùil air www.glaschu.org

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach