Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Comunn na Gàidhlig a’ sanasachd na leanas às leth Iomairt na Gàidhealtachd

Tha roinn iomairt sòisealta làidir na prìomhachas do dh’Iomairt na Gàidhealtachd (ING). Gus dèanamh cinnteach gum faigh iomairtean sòisealta an taic a dh’fheumas iad gus faighinn seachad air rudan a chuireadh stad orra fàs agus gus sùil a thoirt air na cothroman a tha dìreach ri fhaighinn san sgìre, tha ING air GEN fhastadh gus an roinn a measadh.

Bidh an sgrùdadh air a chleachdadh gus stiùir agus prìomhachas a thoirt do mhaoineachadh a chumas taic ri sgeamaichean iomairt sòisealta ùr-ghnàthach. Bheir seo a-steach gnìomhan a gheibh an teachd a-steach as fheàrr bho ghoireasan coimhearsnachd agus a comharrachadh dòighean maoineachaidh eile.

Bidh stòr-dàta farsainn le fiosrachadh mu dheidhinn meud agus farsaingeachd agus nàdar an roinn iomairt sòisealta ann an sgìre ING na phrìomh ceann-uidhe aig an rannsachadh. Bidh an sgrùdadh le co-chomhairle farsainn le gnìomhachasan agus luchd-uidhe agus bidh cothroman ann do dhaoine le ùidh a bhith an lùib an sgrùdadh aig diofar amannan agus tro dhiofar dòighean.

Thèid suirbhidhean goirid a dhèanamh air an eadar-lìon agus fòn le iomairtean sòisealta. Tha fios bho ghnìomhachasan ionadail aig gach ceum cudromach do shoirbheas an sgrùdaidh. Ma gheibh sibh fios bithear gu math taingeil airson ur beachdan agus fiosrachadh a bhios feumail ann a bhith leasachadh gnìomhan ING gus taic a thoirt don roinn san àm ri teachd.

Bidh an rannsachadh a tachairt eadar an t-Sultain agus an t-Samhain 2011 le dùil gum bi an sgrùdadh deiseil san Fhaoilleach 2012.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun sgrùdadh cuiribh fios gu Kathleen Latimer aig GEN air 0845 120 6244 no Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach