Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) a’ lorg Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna agus Gnìomhachas Gaidhlig na Bliadhna 2011. A’ leantainn farpaisean soirbheachail an 2010, far an d’ fhuaireadh còrr air 20 tagradh mu choinneamh nam farpaisean, tha CnaG an diugh, 8 Màrt air farpaisean 2011 a chuir air bhog. Thathas a-nis a’ sireadh thagraidhean airson farpaisean na bliadhna sa.

B’ e Co-chomunn na Pàirc, Ceann a Deas na Loch, Leòdhas a ghlèidh Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna 2010 agus Stafainn, an ear-thuath an t-Eilean Sgiathanaich, a ghlèidh Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna 2010. Thuirt Iain Randall, Cathraiche Co-chomunn na Pàirc, “Bha sinne aig Co-chomunn na Pàirc air leth moiteil duais Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna 2010 a bhuannachadh. Tha an duais air cliù agus aithneachadh a thoirt do Co-chomunn na Pàirc, chan ann a-mhàin aig ìre ionadail ach cuideachd aig ìre eadar-nàiseanta, agus tha seo air a bhith air leth taiceil dhuinne le ar n-oidhirpean pròiseactan às ùr a chuir air adhart. Mar eisimpleir tha sinn an-dràsta a’ dèanamh obair leasachaidh, air Ionad Rubha an Fhithich, le taic o Big Lottery Fund, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Comhairle nan Eilean Siar.”

Gleus – Coimhearsnachd Gàidhlig na Bliadhna

Bu chòir do thagraidhean airson Gleus, Coimhearsnachd Gàidhlig na Bliadhna, tighinn bho choimhearsnachdan far a bheil a’ Ghàidhlig air a cleachdadh bho latha gu latha, follaiseachd na Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd, cunbhalachd thachartasan Gàidhealach a’ gabhail àite, cothroman foghlaim is cùram chloinne tron Ghàidhlig ann agus far am bheileas a’ cleachdadh na Gàidhlig a measg òigridh, am measg nithean eile.

Faodar cur a-staigh airson duais Gleus às leth sgìre sam bith a th’ air aithneachadh mar choimhearsnachd taobh staigh raon-obrach HIE. Chan eil tomhasan no crìochan àraid air meud na coimhearsnachd agus dh’fhaodadh gur e baile beag no mòr a bhiodh ann, neo grunn bhailtean a thigeadh còmhla, fhad sa dh’fhaodar an cruinneachadh a mheasadh mar ‘choimhearsnachd’ le dualchas aithnichte. Tha e cudromach gur ann do ‘choimhearsnachd’ a tha an duais sa, agus nach ann idir airson tachartas coimhearsnachd, ged a dh’fhaodadh an tachartas a bhith mar phàirt den tagradh às leth na coimhearsnachd.

Gnìomh – Gnìomhachas Gaidhlig na Bliadhna

Thèid duais Gnìomh chun ghnìomhachas is fheàrr a dhearbhas cleachdadh na Gàidhlig am measg luchd-obrach agus ri luchd-frithealaidh, follaiseachd na Gàidhlig taobh a-staigh na buidhne agus cleachdadh na Gàidhlig tro shuaicheantas/margaideachd na buidhne. Cuideachd, bidh an fharpais fosgailte do ghnìomhachasan a tha a’ dèanamh strì gus ruighinn air na h-amasan ud.

Bu chòir do thagraidhean airson Gnìomh tighinn o ghnìomhachasan a tha aithnichte gu coimearsalta agus ag obair mar ghnìomhachas. Feumaidh iad a bhith a’ tighinn beò fa leth bho bhuidheann sam bith eile, no taobh-staigh buidheann nas mò, agus cha bu chòir dhaibh bhith nam pàirt no nam meur de dh’obair ùghdarras ionadail, companaidhean iomairt no buidhnean eile maoinichte le buidhnean poblach.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG, “Tha sinn gu math toilichte gum bheil na farpaisean seo mar phàirt den chùmhnant againn le Iomairt na Gàidhealtachd – air dà adhbhar: ’S a chiad àite, tha e math agus iomchaidh gu bheil na coimhearsnachdan agus na gnìomhachasan seo – a tha cumail a’ Ghàidhlig aig cridhe an gnìomh – a’ faighinn taic is aithne; ’san dàrna àite tha e na dheagh mheadhan air ‘sgeulachd na Gàidhlig’ a tharraing gu aire chàch, mar dhearbhadh air an àite is am feum a th’ innte san latha ’n-diugh.”

Tha bileagan fiosrachaidh / tagraidh rim faighinn an seo - Gnìomh - agus an seo - Gleus - neo bho oifisean ChnaG an Inbhir Nis is Steòrnabhagh. Feumaidh tagraidhean airson an dà fharpais a bhith a-staigh ro 30 Ògmhìos 2011. Thèid na tagraidhean a mheasadh le panail air am bi riochdairean bho Chomunn na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean is Bòrd na Gàidhlig agus thèid na duaisean an toirt seachad tron t-Samhradh 2011.

Tha Gleus is Gnìomh air am maoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus air an ruith le Comunn na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach