Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

O chionn ghoirid thadhail buidheann de dheugairean Gàidhlig air Cluain Dolcáin faisg air Bail’ Àth Cliath, mar phàirt den fharpais dheasbad eadar-nàiseanta Ghàidhlig ‘Ri Chèile’ a tha air a chur air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn. Thàinig sgoilearan bho dhiofar sgìrean ann an Èirinn còmhla cuide ri sgoilearan bho Baile Dhubhthaich, Comar nan Allt, Glaschu, Inbhir Pheofharain agus Steòrnabhagh. A bharrachd air a bhith an-sàs anns an deasbad, bha cothrom aig na sgoilearan Albannach beagan Gaeilge ionnsachadh agus cuideachd tadhal air sgoiltean a tha a’ tabhainn foghlam tro mheadhan na cànain sin. Chuala iad mu chor na cànain ann an sgìre Chluain Dólcain fhèin ’s bha cuairt gu Bail’ Àth Cliath, far am faic iad an leabhar eachdraidheil agus ainmeil, Leabhar Cheanannais. ’S e Colm O’ Néill, Coláiste Eoin, Bail’ Àth Cliath, a bhuannaich a’ phrìomh dhuais, le Eilidh Chaimbeul, Acadamaidh Inbhir Pheofharain anns a’ chiad àite airson Alba (an dithis aca anns an dealbh air a làimh cheart) agus Oisín MacAoidh, Coláiste Cholmáin, An Iúrach (Newry), Siorrachd Dhún, a’ tighinn anns a’ chiad àite airson Èirinn.

Thuirt Eilidh, “Cha robh dùil agam idir gu robh mi a’ dol a bhuannachadh rudeigin, gu h-àraidh nuair a chuala mi cho math ’s a bha na h-òraidean eile”.
An lùib chuspairean na bliadhna seo, bha ‘A bheil Facebook a’ dèanamh cron air fìor chàirdeas?’, ‘Buaidh luchd-turais air ar n-eilean’ agus ‘Am bu chòir fèin-mharbhadh cuidichte a bhith laghail?’

Tha Ri Chèile a’ faotainn taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig, Colm Cille, Comunn na Gàidhlig, Foras na Gaeilge agus Gael Linn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach