Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Air an 28mh den t-Sultain, bidh sgoilearan bho 5 àrd-sgoiltean Albannach a’ siubhal gu Cluain Dolcain (Clondalkin) ann an Èirinn, far am bi iad a’ coinneachadh ri clann-sgoile bho 5 sgoiltean à Èireann a Tuath agus 5 sgoiltean à Èirinn a Deas agus far am bi iad uile an sàs anns an tachartas shònraichte – Ri Chèile – a tha a’ comharrachadh nan ceanglaichean eadar an dà Èirinn agus Alba.

Tha 8 bliadhna bhon a chaidh a’ chiad ‘Ri Chèile’ a chur air chois, ’s e mar cho-obrachadh eadar Comunn na Gàidhlig agus Gael Linn agus, bhon uairsin, tha e air a bhith a’ tachairt bliadhna ma seach ann an Èirinn agus ann an Alba. Mar phrìomh thachartas gach bliadhna, tha an deasbad eadar-nàiseanta – Fòram Cainte – agus na sgoiltean Albannach a bhios an sàs am bliadhna, tha Acadamaidh Rìoghail Baile Dhubhthaich, Àrd-sgoil MhicNeacail, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Àrd-sgoil Greenfaulds, Comar nan Allt agus Acadamaidh Inbhir Pheofharain.

A bharrachd air a bhith an sàs anns an deasbad, bidh cothrom aig na sgoilearan Albannach beagan Gaeilge ionnsachadh agus cuideachd tadhal air sgoiltean a tha a’ tabhainn foghlam tro mheadhan na cànain sin. Cluinnidh iad mu chor na cànain ann an sgìre Chluain Dolcain fhèin ’s bidh cuairt gu Bail’ Àth Cliath, far am faic iad an leabhar eachdraidheil agus ainmeil, Leabhar Cheanannais.

Cuideachd air a’ chlàr-ama, tha farpais-cheist dà chànanach, oidhche ciùil agus sùil air na bùithtean ann am Bail’ Àth Cliath – 3 làithean fìor thrang, ach fìor chothrom cuideachd mòran fhaicinn agus ionnsachadh agus, le cinnt, ceanglaichean a neartachadh le ar nàbaidhean Ceilteach.

Tha Ri Chèile a’ faotainn taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig, Colm Cille, Comunn na Gàidhlig, Foras na Gaeilge agus Gael Linn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach