Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais a’ cur clasaichean Gàidhlig air adhart do luchd-ionnsachaidh na sgìre (Nis, Barabhas & Siabost/Càrlabhagh), clasaichean a bhios saor ’s an asgaidh, airson blasad a thoirt dhaibh air a’ chànan. Bidh na clasaichean, a tha ag amas air feadhainn aig am bheil glè bheag de Ghàidhlig, a’ ruith airson sia seachdainean. Tha na clasaichean ag amas air sgilean còmhradh agus briathrachas a bhrosnachadh am measg luchd-ionnsachaidh, le dòchas is dùil, bun-stèidh a thogail airson tuilleadh ionnsachaidh, am measg an luchd-ionnsachaidh. Aig deireadh na sia seachdainean, thathas an dùil buidheann luchd-ionnsachaidh ionadail a steidheachadh, gus breithneachadh air slighe air adhart dhaibh. A thuilleadh air an dòigh ionnsachaidh a bhios aca rè nan clasaichean, gheibh iad cuideachd blasad air an dòigh ionnsachaidh Ùlpan. Tha Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais ag obair an co-bhonn le Roinn Foghlam Coimhearsnachd, Comhairle nan Eilean Siar agus Colaisde a’ Chaisteil air na clasaichean seo.

Thèid na clasaichean an cumail mar leanas:

An Taigh Cèilidh, Barabhas gach Diciadain (a’ tòiseachadh air an 26mh) aig 7.30-9f;

Spòrsnis, gach feasgar Diardaoin (a’ tòiseachadh air an 27mh) aig 7.30 – 9f;

Siabost/Càrlabhagh gach Diardaoin (a’ tòiseachadh air an 27mh) aig 7.30 – 9f. Thèid fiosrachadh mu far am bi na clasaichean air an cumail ann an Siabost/Càrlabhagh a sgaoileadh nas fhaisg air an àm.

Ma tha ùidh agaibh anns na clasaichean cuiribh fòn chun àireamh fòn airson clasaichean oidhche: 01851 707804.

Tha Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Tuilleadh fiosrachaidh bho Mharina Mhoireach, 01851 701802.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach