Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) a’ cuairteachadh an Sanas Naidheachd sa às leth Urras Shomhairle.

Tha bàird òga Ghàidhlig bho air feadh Alba air a bhi a’ cuir peann ri paipear ’s a’ sgrìobhadh pìosan bàrdachd ùr ann am farpais a tha ag amas air comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh am bàrd ainmeil Somhairle MacGill-Eain.

Chaidh am farpais a’ chur air bhonn le Urras Shomhairle, ann an compàirt ri Comunn na Gàidhlig, agus bha i fosgailte do chlann-sgoile ann an àrd-sgoiltean air feadh Alba.

Thuirt Cathraiche Urras Shomhairle, an t-Urr Eairdsidh Mac’IlleDhuibh gun robh an àireamh de thagraidhean a fhuaireas na adhbhar toileachas mhòr, agus gun robh càileachd na sgrìobhaidhean a’ togail misneachd mu sheasmhachd an dualchas litreachais anns an robh Somhairle fhèin cho cudromach: “Fhuair sinn 70 tagradh bho air feadh Alba, bho Steòrnabhagh gu Dùn Èideann, agus bho Obar Dheathain gu Glaschu.

“Mar tha fhios againn ged tha, chan urrainn dhan h-uile duine buannachd, agus às leth an Urrais bu mhath leam moladh a’ dhèanamh air a h-uile neach òg a chaidh an sàs anns an fharpais, agus an luchd-teagaisg a chùm taic riutha. Tha na triùir bhritheamhan a bh’ air am panail againn airidh air am moladh airson an deagh obair a rinn iad.”

’S e am pìos bàrdachd a bhuannaich “Beul an Latha”, a chaidh a sgrìobhadh le Owen Sutcliffe bho Àrd-sgoil Uallais ann an Sruighlea; chaidh an darna àite gu Mikaela Nic’Illemhìcheil, bho Sgoil an Naomh Dheòrsa airson Clann-nighinn ann an Dùn Èideann airson “Colabhasaidh agus Pamplona”; agus chaidh an treas duais dha Dòmhnall Iain Dòmhnallach a Sgoil Lionacleit ann am Beinn na Fadhla airson “Òran na Gaoithe”. ’S iad na duaisean, eàrlais airson £100, £80 agus £60.

Thuirt Cathraiche nam britheamhan, an sgrìobhaiche is bàrd Maoilios Caimbeul: “Mar bhritheamhan, bha sinn glè thoilichte gun robh àireamh cho mòr de dhàin ann bho dhiofar aoisean airson na co-fharpais. Nuair a fhuair gach neach fa leth againn na dàin, cha robh sìon a dh’fhios againn cò a sgrìobh iad no cò às a bha iad. Cha robh againn ach àireamhan mu ar coinneamh. Thagh gach britheamh a roghainn fhèin mus do choinnich sinn mar thriùir.

“Thug dà rud toileachas mòr dhuinn: gun robh sinn uile air na h-aon trì dàin a thaghadh air an liosta ghoirid de chòig againn, gun fhios a bhith againn air roghainn chàich. ’S e an triùir seo a fhuair na trì duaisean. Agus cuideachd gun robh an fheadhainn a bhuannaich bho dhiofar cheàrnaidhean de dh’Alba.

“Bha mòran de dh’obair mhath ann à iomadh sgoil agus tha obair na feadhna a bhuannaich gu math gealltanach agus tha sinn an dòchas gun cùm iadsan, agus an fheadhainn nach do bhuannaich an turas seo, orra a’ sgrìobhadh deagh bhàrdachd.” B’ iad na britheamhan eile an òraidiche is bàrd Meg Bateman, agus Màiri Kidd, a bha uaireigin na Stiùiriche air Stòrlann.

Gheibh gach bàrd òg a rinn tagradh anns am farpais leth-bhreac de dh’iris Crìsdean Whyte de ‘Dàin do Èimhir’ – aon de na cruinneachaidhean as cliùiteach aig Somhairle MhicGill-Eain. Thèid iad seo an sgaoileadh dha na sgoiltean a dh’aithghearr. Tha Urras Shomhairle gu math taingeil dhan chlò-bhualadair Bìrlinn airson mar dh’iarr iad prìs nas ìsle nan àbhaist air na leabhraichean seo.

Tha e san amharc a nis gun tèid na trì pìosan bàrdachd a bhuannaich, còmhla ri trì eile a shaoil na britheamhan a bha airidh air cliù, an clò-bhualadh a dh’aithghearr anns an iris litearachais ‘Northwords Now’. Cuideachd thèid iad an cuir suas air duilleag naidheachdan de làrach-lìn Urras Shomhairle fhèin. A bharrachd air seo tha BBC Radio nan Gàidheal am beachd taghadh de na pìosan bàrdachd a chleachdadh mar phàirt de seachdain sònraichte de phrògraman nas fhaide air bhliadhna gus latha-breith Shomhairle MhicGill-Eain. a chomharrachadh.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach