Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Tha an ceann latha sìor teannadh nas fhaisge airson tagraidhean gu farpaisean Gleus agus Gnìomh – Coimhearsnachd agus Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna 2011.

Chan eil ach colladeug air fhàgail mus feumar tagraidhean a chur gu Comunn na Gàidhlig, a tha a’ riaghladh na farpaisean, leis an ceann-latha air an 30mh dhan t-Ògmhios.

Tha duaisean de £10,000 uile gu lèir ri ’n cosnadh cho luaidh ri cliù agus aithne na prìomh àitean.

Tha na farpaisean air an stiùireadh le Comunn na Gàidhlig, às leth Iomairt na Gàidhealtachd, agus chan eil seo ach an dàrna bliadhna ’s an deachadh an cumail.

An uiridh b’ iad Co-chomunn na Pàirc a Ceann a Deas nan Loch ann an Leòdhas a bhuannaich farpais Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna, agus Stafainn an ear-thuath an t-Eilean Sgiathanaich a ghlèidh Coimhearsnachd Gàidhlig na Bliadhna.

Thuirt Maoilios Caimbeul, a tha na bhall de dh’Urras an Taobh Sear, agus a bha an luib an comataidh bha an sàs anns an tagradh, gun robh iadsan mòiteil dha rìreabh mar shoirbhich leotha: “Ged a bha fios againn gun robh tòrr mòr a’ tachairt ’s a sgìre-sa anns a’ Ghàidhlig agus mun Ghàidhlig cha robh sinn cho cinnteach sin gun deigheadh leinn. Thug e toileachas mòr dhuinn nuair chuala sinn an naidheachd. Chan e mhàin gum bheil an £3,000 air a bhith feumail san sgìre, airson rudan chur air dòigh, agus airson maoin thàladh bho àitean eile, ach gu bheil daoine ag aithneachadh gu bheil cùisean sònraichte air choreigin againn ann an seo a thaobh na Gàidhlig.”

Bu choir do thagraidhean airson Gleus, Coimhearsnachd Gàidhlig na Bliadhna, tighinn bho coimhearsnachdan far a bheil a’ Ghàidhlig air a cleachdadh bho latha gu latha, follaiseachd na Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd, cunbhalachd thachartasan Gàidhealach a’ gabhail àite, cothroman foghlaim is cùram chloinne tron Ghàidhlig ann agus far am bheileas a’ cleachdadh na Gàidhlig a measg òigridh, am measg nithean eile.

Faodar cur a-staigh airson duais Gleus às leth sgìre sam bith a th’air aithneachadh mar choimhearsnachd taobh staigh raon-obrach HIE. Chan eil tomhasan no crìochan àraid air meud na coimhearsnachd agus dh’fhaodadh gur e baile beag neo mòr a bhiodh ann, neo grunn bhailtean a thigeadh còmhla, fhad sa dh’fhaodar an cruinneachadh a mheasadh mar ‘choimhearsnachd’ le dualchas aithnichte. Tha e cudromach gur ann do ‘choimhearsnachd’ a tha an duais sa, agus nach ann idir airson tachartas coimhearsnachd, ged a dh’fhaodadh an tachartas a bhith mar phàirt den tagradh às leth na coimhearsnachd.

Thèid duais Gnìomh chun ghnìomhachas is fheàrr a dhearbhas cleachdadh na Gàidhlig am measg luchd-obrach agus ri luchd-frithealaidh, follaiseachd na Gàidhlig taobh a-staigh na buidhne agus cleachdadh na Gàidhlig tro shuaicheantas/margaideachd na buidhne. Cuideachd, bidh an fharpais fosgailte do ghnìomhachasan a tha a’ dèanamh strì gus ruighinn air na h-amasan ud.

Bu chòir do thagraidhean airson Gnìomh tighinn o gnìomhachasan a tha aithnichte gu coimearsalta agus ag obair mar ghnìomhachas. Feumaidh iad a bhith a’ tighinn beò fa leth bho bhuidheann sam bith eile, no taobh-staigh buidheann nas mò, agus cha bu chòir dhaibh bhith nam pàirt no nam meur de dh’obair ùghdarras ionadail, companaidhean iomairt no buidhnean eile maoinichte le buidhnean poblach.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG: “Tha fios againn gum bheil coimhearsnachdan is gnìomhachasan san sgìre seo a tha a’ dèanamh obair ionmhalta às leth na Gàidhlig, is tha fios againn cuideachd gum bheil feadhainn aca a’ deasachadh tagraidhean airson na farpaisean aig an àm a tha seo. Tha sinn dìreach airson ’s gum bi fios agus cuimhne aca gum bheil an ceann latha a’ teannadh nas fhaisge, agus gur dòcha gum brosnaich seo chuideigin ùr gus tagradh dhèanamh.”

Gheibhear foirmean tagraidh dha Gleus an seo agus Gnìomh an seo neo tro na h-oifisean ann an Inbhir Nis agus Steòrnabhagh.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach