Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Chaidh aontachadh aig A’ Chruinneachadh gu bheil a’ Ghàidhlig agus a cultar cudromach do mhuinntir Asainte ’s Dùthaich MhicAoidh. Às dèidh obair agus stiùireadh bhon choimhearsnachd thairis na 18 mìosan a chaidh seachad, tha cothrom ann an dràsta a bhith fàs àireamhan luchd-labhairt agus cothroman a chruthachadh don chànan a bharrachd air an eaconamaidh a neartachadh. Tha coimhearsnachdan ann an Asainte ’s Dùthaich MhicAoidh a-nis a’ cur impidh air Bòrd na Gàidhlig Iomairt Ghàidhlig Dùthaich MhicAoidh ’s Asainte a stèidheachadh.

Thàinig diofar bhuidhnean, nam measg riochdairean bhon chiad Mhòd Chataibh riamh, còmhla san Ruigh Choinnich gus beachdachadh air an t-slighe air adhart airson Gàidhlig ann an Dùthaich Mhic Aoidh ’s Asainte. Tha Còmhlan Gàidhlig Asainte, Gàidhlig san Iar Thuath, a tha a’ gabhail a-staigh Sgobhraidh, Ceann Loch Biorbhaigh agus Duirnis, Taigh na Gàidhlig Mhealanais, aig am bheil deagh chliù ann an leasachadh Gàidhlig, nam prìomh bhuidhnean a’ obair gus Gàidhlig a leasachadh ann an Iar Thuath Alba agus thuige seo tha iad air a bhith ag obair gu neo-eisimeileach a’ toirt taic do dh’ iomairtean ionadail.

Bha An Cruinneachadh ag amas air prionnsabal ’s amasan a stèidheachadh gus leasachadh Gàidhlig a thoirt air adhart airson maith a h-uile duine .

Mhìnich Dtr Issie NicPhàil mar a chaidh rannsachadh coimhearsnachd a dhèanamh ann an Dùthaich MhicAoidh agus na toraidhean a sheall iarrtas làidir airson diofar leasachaidhean Gàidhlig, ionnsachadh agus foghlam Gàidhlig nam measg. Chaidh an rannsachadh seo a dhèanamh le Urra Dùthaich MhicAoidh le taic bho Chomunn na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig ’s Iomairt na Gàidhealtachd.

Dh’aontaich na bha an làthair gu bheil làithean dòchasach air faire airson na Gàidhlig sa sgìre ach aig an aon àm gu bheil feum mhòr air tuilleadh ghoireasan ’s taic. Mu choinneimh seo, chaidh aontachadh gur e Iomairt Ghàidhlig an ath cheum airson na sgìre.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach