Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

CnaG cumail taic ri co-labhairt foghlaim

10mh Sultain 2010

Tha Comunn na Gàidhlig a measg na buidhnean a tha cumail taic ri co-labhairt nàiseanta air cuspair foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nas ainmich air a bhliadhna. Tha an tachartas gu bhi gabhail àite 's an t-Samhain, is ag amas air an t-slighe air adhart dha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig àm nuair a tha h-uile coltas ann gum bheil crìonadh mhòr dol a thighinn air an sporan poblach.

Tha Ceannard Chomunn na Gàidhlig Dòmhnall MacNèill gu bhi am measg an luchd-labhairt. Tha esan ag ràdh: "'S e cothrom chudromach tha seo aire dhaoine tharraing gu soirbheachas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ach cuideachd ri na dùbhlain a tha mu choinneamh aig an ìre sa. Aig àm nuair a tha sinn sùileachadh ìsleachadh mhòr anns na cunntasan phoblach, feumaidh sinn dearbhadh an luach a th'anns a' Ghàidhlig, agus na tha dà-chànanas a' cuir ri cultar agus eaconamaidh na dùthcha.

"Gu luaithe air dad sam bith eile, tha e freagarrach gum bheil Gàidhlig mar chuspair gu bhi air a dheasbad aig an ìre sa, agus bhitheadh sinn an dòchas gum bith feadhainn ùra 's an èisteachd bho taobh a-muigh saoghal na Gàidhlig gus am bith cothrom againn an teachdaireachd sgaoileadh beagan nas fharsuinge."

Airson an tuilleadh fiosrachaidh mun cho-labhairt thoiribh sùil air an làrach-lìn seo.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach