Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Bha faisg air 60 cloinne bho chròileagain Taobh Siar Leòdhais an làthair aig tachartas Nollaige, a bh’ air a chuir air dòigh le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais am com-pàirteachas le Comunn na Gàidhlig agus Comhairle nan Eilean Siar. Bha clann bho cròileagain Nis, Bhuirgh, Bharabhais, Shiabost agus Bhreascleit an làthair aig spòrsnis airson an tachartas. 

Thuig seo cothrom dhaibh coinneachadh ri chèile, a bhith ag obair sa cluich còmhla agus cothrom an cuid Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil. Bha iad an sàs ann an ioma seòrsa spòrs agus cothrom aca còig diofar bùithean-obrach a fhrithealadh. Sna seachdainean ron tachartas, bha a’ chlann air fad air òran ùr ionnsachadh, ‘Bidh iad a’ tighinn air Oidhche Nollaig’ agus abair gu robh spòrs aca, agus iad ga sheinn còmhla airson a’ chiad uair; chruthaich iad sgeadachadh Nollaige agus cairtean Nollaige; chuala iad sgeulachd Nollaig air a leughadh dhaibh, agus ghabh iad pàirt ann am beagan dràma cuideachd! Bha ùine aca air fhàgail airson grèim bidhe an uairsin mus tàinig Santa a cheilidh orra, le tiodhlac beag dhaibh uile!

Chaidh an tachartas a’ stiùireadh le Marina Mhoireach agus Iona Nic an t-Sagairt le taic air an latha bho Artair Donald, Jenna Cumming, Màiri Mhoireasdan, Sandra Kennedy agus Màiri Nic a’ Ghobhainn. Thàinig an ionmhas bho Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, Comunn na Gàidhlig agus Comhairle nan Eilean Siar.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach