Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Dreuchdan ùr a’ cur ri obair na h-Iomairtean Gàidhlig

21d Ògmhìos 2010

Tha triùir oifigearan ùra gu bhi ag obair aig na h-Iomairtean Gàidhlig thairis air na mìosan tha romhainn, a’ toirt na h-Iomairtean air fad chun an aon ìre. Tha an naidheachd ga fhoillseachadh le Comunn na Gàidhlig (CnaG) is iad air oifigearan ùr fhastadh airson Iomairtean Loch Abair, Dùn Èideann agus Ìle is Diùra.

Tha CnaG a cuir na h-Iomairtean Gàidhlig air dòigh ann an sgeama phìleat às leth Bòrd na Gàidhlig, agus le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean ann an cuid a sgìrean.

’S i Angela NicEachainn a tha gu bhi ag obair ann an Dùn Èideann; Rhòna NicDhùghaill ann an Loch Abair, agus Lynn NicDhòmhnaill ann an Ìle is Diùra.

Tha Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill air fàilte chuir air an luchd-obrach ùr: “Tha mise gu math toilichte “fàilte air bòrd” a thabhann dhan triùir oifigearan ùra seo. Tha mi cinnteach gum bheil an dealas, na sgilean is na comasan aca cuir gu mòr ri leasachadh na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan ’s am bith iad ag obair.”

“Tha dearbhadh againn a-nis gum bheil e a’ soirbheachadh le na h-Iomairtean Gàidhlig far am bheil iad air a bhi stèidhichte beagan nas fhaide, is leis sin, faodaidh misneachd làidir a bhi againn gur e an aon sgeul a bhitheas ann an Dùn Èideann agus Ìle ’s Diùra far am bheil iad an ìre mhath dìreach air tòiseachadh. Ann an Loch Abair, tha cùisean air a bhi stèidhichte còrr is bliadhna, agus a’ dèanamh deagh adhartas, ach tha mi cinnteach gun tèid sin a nis bho neart gu neart.”

Thuirt Daibhidh Boag, Leasaiche Canain aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig mothachail gu bheil na h-Iomairtean Gàidhlig gu math cudromach gus amasan a’ Bhùird a choileanadh. Bi na h-oifigearan seo a’ gluasad gus na h-Iomairtean a thoirt air adhart anns na sgìrean aca fhèin, airson àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh mar a chaidh ainmeachadh ann an Ginealach Ùr na Gàidhlig.”

Tha Angela NicEachainn, a bhios ag obair ann an Dùn Èideann, air a bhi fuireach ’s a’ bhaile sin grunn bhliadhnachan, agus bithidh gu leòr eòlach oirre tron obair a tha i air a dhèanamh ann an saoghal craobh-sgaoileadh.

Tha Rhòna NicDhùghaill, a bhios ag obair ann an Loch Abair, air a bhi na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, agus obair a dhèanamh mar oifigeir taic aig buidhnean leasachaidh coimhearsnachd ann an Glaschu.

Tha Lynn NicDhòmhnaill, a bhios ag obair ann an Ìle is Diùra air ùine chuir seachad a’ dèanamh obair leasachaidh an luib tallaichean coimhearsnachd an Ìle. Tha i ag ionnsachadh Gàidhlig tro chlasaichean Ùlpan is Cùrsa Comais Sabhal Mòr Ostaig.

Tha seachd Iomairtean Gàidhlig a nis stèidhichte ann an diofar seòrsa choimhearsnachdan air feadh Alba. Tha còig ann an sgìrean dùthchail, leithid Iar-Thuath Leòdhais; Uidhist a-Deas is Èirisgeigh; Uachdar Thronndairnis, Loch Abar agus Ìle is Diùra agus dhà ann am bailtean mòra, Glaschu is Dùn Èideann. Bithidh gach Iomairt ga ruith le buidheann-stiùiridh le buill a’ tighinn bhon choimhearsnachd fhèin agus bidh iad faighinn buidseat-leasachaidh de £5,000, agus ùine oifigear leasachaidh.

Tha na h-Iomairtean Gàidhlig stèidhte air modal a thogadh as a’ Chuimrigh. An siud tha cuid aca air a bhi dol faisg air fichead bliadhna, is iad air gluasad gu seirbheisean eadar-dhealaichte a thoirt seachad leithid eadar-theangachadh, cùram chloinne is clasaichean Cuimris. Bithidh iad a’ faighinn teachd a-steach bho gach cuid an roinn phoblach agus an roinn phrìobhaideach, agus tha iad uile a’ coimhead ris a’ chànan Cuimreach a neartachadh aig ìre choimhearsnachd mar phrìomh amas.

Ged nach eil ach bliadhna bho thòisich na h-Iomairtean Gàidhlig ann an Alba tha iad mu thràth air buaidh mhath thoirt air a’ Ghàidhlig ’s na coimhearsnachdan aca le tachartasan òigridh is coimhearsnachd – uile ag amas air cothroman cleachdaidh, neo cothroman ionnsachaidh na Gàidhlig a chuir an cèill.

Thuirt Mgr MhicNèill: “’S e an t-uallach a chuir Bòrd na Gàidhlig oirnn sa phìleat seo ach dearbhadh, le muinntir a’ choimhearsnachd aig an stiùir, a dol an sàs anns na prìomhachasan aca fhèin, agus le taic airgid agus neach obrach, an tèid againn air a’ Ghàidhlig a neartachadh aig ìre coimhearsnachd. Tha mise an dùil gum bheil fianais againn gu bheil seo a’ tachairt, agus gur ann nas fheàrr a thèid cùisean le na h-Iomairtean ag obair an compàirt ri na buidhnean Gàidhlig eile.”

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach