Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

 

15mh Màirt 2010

Tha goireas ùr aig clann ro-sgoile agus am pàrantan a tha a’ còmhnaidh sna h-Eileanan an Iar airson cuir ris na tha mu thràth de ghoireasan rim faighinn anns na cròileagain gus cuideachadh le bhith ag ionnsachadh a’ Ghàidhlig. Tha seo an-dèidh do CDs, air am bheil leabhraichean leughaidh chloinne, a bhith air am foillseachadh.

Thig taghadh de leabhraichean Gàidhlig chloinne beò mar sgeulachdan a chluinnear air an aithris airson a’ chiad uair, a’ leantainn iomairt com-pàirteachaidh eadar a’ bhuidheann leasachaidh Comunn na Gàidhlig agus a’ chompanaidh foillseachadh leabhraichean Gàidhlig Acair, le taic bho Chomann na Pàrant agus Comhairle nan Eilean Siar. Am measg na leabhraichean a nochdas air CDs tha leabhraichean ainmeil, tlachdmhor air am bheil a’ chlann measail mar, “An Gruffalo”, Am Fuamhaire Spaideil” agus taghadh bho leabhraichean “Maisy”.

Thuirt Iona Nic an t-Sagairt, Oifigear Fiosrachaidh Phàrantan aig Cnag, a bha a’ stiùireadh a’ phròiseict, “ Tha mi air leth toilichte gu bheil sinn air a ghoireas ùr seo fhoillseachadh. Tha mi cinnteach gum bi e gu buannachd gach cuid don chlann agus dom pàrantan. Se rud a th’ann a dh’fhaodas iad a thoirt a-mach air iasad agus obrachadh còmhla leis aig an taigh. Tha mi cinnteach gum bidh na Cds gu h-àraidh feumail do phàrantan a tha a’ cur an cuid chloinne tro fhoghlaim tro mheadhan na Gàidhlig airson a’ chiad uair agus a tha a’ tòiseachadh ag ionnsachadh a’ Ghàidhlig iad fhèin. Thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad, tha e air a bhith follaiseach dhomhsa gu bheil iarrtas ann airson a leithid a ghoireas agus tha e na adhbhar thoileachas a’ phròiseact a thoirt gu buil. Lean i oirre, “Tha e air a bhith na thoileachas a’ co-obrachadh le buidhnean agus daoine fa-leth eile air a’ phròiseact seo, agus tha mi fada nan comunn airson an ùine aca agus an taic. Tha mi an dòchas gum faigh sinn air tuilleadh co-obrachadh a dhèanamh air pròiseactan eil sna mìosan air thoiseach oirnn.”

Bidh CDs às ùr ann a-nis mar thaic airson deich de leabhraichean a th’air am foillseachadh le Acair agus a tha mu thràth rim faotainn sna Cròileagain air feadh na h-Eileanan an Iar. Bidh seo na ghoireas ionnsachaidh gach cuid sna h-ionadan ro-sgoile agus san dachaigh.

Thuirt Norma NicLeòid bho Acair, “Tha Acair air leth toilichte a bhith a’ co-obrachadh le CnaG gus taic a chuir ri clann agus am pàrantan a tha airson buannachdan foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig a ghabhail..”

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach