Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

24mh Lùnastal 2010

Tha ceathrar oileanaich thar fhichead a’ faighinn an ciad cothrom ann an àite obrach thairis mìosan an t-samhraidh agus iad a’ gabhail pàirt ann a’ Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2010, a th’ air a ruith le Comunn na Gàidhlig.

Tha an sgeama, a th’ air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar, a’ toirt cothrom dha òigridh na mìosan samhraidh aca a chuir seachad a’ feuchainn greiseag ann an dreuchd a thagh iad fhèin, a tha tro mheadhan na Gàidhlig; a’ togail sgilean chudromach, a cuir eòlas air obair agus a’ cuir eòlas air daoine a bhios feumail dhaibh anns an àm ri teachd. Tha fàilte cuideachd air a chuir air an sgeama le luchd fastaidh Ghàidhlig air sgàth ’s gu bheil iad a’ faighinn ruigsinn air dealasachd agus earbsalachd nan Gàidheal òg a tha airson iad fhèin adhartachadh, a’ cleachdadh Gàidhlig.

Am measg nam buidhnean a tha a’ gabhail pàirt am bliadhna tha Clì Gàidhlig, An Comunn Gàidhealach, Sabhal Mòr Ostaig, Pàrlamaid na h-Alba, Comann Eachdraidh Bharabhais agus Bhrù, Fèisean nan Gàidheal, Oilthigh Ghlaschu agus Urras Leabhraichean nan Eilean.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig, “Tha sinne fior thoilichte cho soirbheachail agus a tha Sgeama Greis Gnìomhachais na bliadhna sa ag obair agus leis mar a ghabh gach cuid na h-oileanaich agus an luchd fastaidh ris. Tha a’ tàbhachd ceithir chothroman obrach thar fhichead air feadh Alba a’ toirt buannachdan dha rìribh dha gach duine a tha a’ gabhail pàirt annta. Còmhla ri euchdan acadaimigeach tha e a’ fàs nas fhollaisiche gu bheil blas obrach sam bith prìseil anns a’ mhargaidh chosnaidhean. Tha an luchd fastaidh a’ faighinn buannachd bho bhith a’ faighinn beachdan is dòighean-obrach às ùr bho na h-oileanaich a thig a dh’obair dhaibh. Tha an sgeama seo cuideachd a’ dearbhadh gun urrainn dha Gàidhlig agus àitichean obrach an latha ’n-diugh tighinn còmhla agus obrachadh gu math còmhla.

“Tha sinn taingeil do Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar airson ionmhas a chuir ris a’ phròiseact seo, a’ leigeil dhuinn a’ phròiseact a thoirt gu buil. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri co-obrachadh leotha air pròiseactan eile san àm ri teachd.”

Thuirt Donna Màiri NicÌomhair à Col, Leòdhas, a tha na h-oileanaich an Oilthigh Glaschu, agus a tha a’ dèanamh greis gnìomhachais còmhla ri MacTV, companaidh telebhisean a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh, “Tha an Sgeama air cothroman a thoirt dhomh nach bithinn air fhaighinn ann an dòigh sam bith eile. Cothrom Gàidhlig a chleachdadh gach latha, an cothrom sgilean ùra ionnsachadh agus an cothrom blasad fhaighinn dha bhith ag obair ann an diofar dhreuchdan – rud a tha cudromach dha oileanaich a tha gus ceumnachadh. Mholainn dha duine sam bith pàirt a ghabhail ann, ma gheibh iad an cothrom! Tha mi fada an comainn ChnaG gun d’fhuair mise an cothrom pàirt a ghabhail san Sgeama.”

Thuirt Coinneach Moireach, Manaidsear Leasachadh Gàidhlig, Chomhairle na Gàidhealtachd, “Tha sinne toilichte dha rìreabh taic a thoirt dhan sgeama chudromach seo. Ma gheibh oileanaich blas de dh’ obair ann an àrainneachd Ghàidhlig, bheir sin dhaibh sealladh ùr air cùrsa beatha ’s air cothroman ’s a chànan. Tha e deatamach gum faic iad diofar chothroman eaconamach ’s a Ghàidhlig ann an diofar choimhearsnachd. Tha sinn toilichte cuideachd a bhi ’g obair ann an compàirteachas le CnaG, HIE, Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle na Eilean Siar gus am pròiseact bhreithneachail seo a libhrigeadh gu h-èifeachdach.”

Thuirt Niall Ros bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, “Tha Gàidhlig a’ cluich pàirt gu math cudromach ann a bhith a’ leasachadh a’ Ghàidhealtachd sna h-Eileanan, agus tha Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach cudromach ann a bhith a’ toirt cothrom do dh’oileanaich tilleadh agus obrachadh anns na coimhearsnachdan aca fhèin tro mìosan an t-samhraidh. Neartaichidh seo na ceanglaichean a th’ aca leis na coimhearsnachdan aca fhèin agus misnichidh e iad, ’s docha, gus smaoineachadh air tilleadh dhachaigh a dh’ obair an dèidh dhaibh crìoch a chuir air an cuid foghlaim mar deagh rud. ’S e cothrom mhath a tha ann cuideachd dha na luchd fastaidh dearbhadh fhaighinn air na sgilean agus na comasan a th’aig na h-oileanaich agus gu faodadh iad, san àm ri teachd, a bhith mar phàirt den luchd obrach aca. Tha seo air leth cudromach ma tha sinn airson sluagh nas eadar-mheasgte fhaicinn nar coimhearsnachdan Ghàidhlig a dh’àrdaicheas am beathalachd agus an seasmhachd aca ann an dòighean cultarail, cànanach agus eacanomagach.”

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach