Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

DVD Ùr Cuairt am Bragair – ‘Sùil air Ais’

5mh Dàmhair 2010

Nochd faisg air ceud daoine a-mach an Ionad na Seann Sgoil an Siabost Dihaoine a chaidh, nuair a bhathas a’ cur DVD ùr Chomann Eachdraidh An Taobh Siar, “Sùil air ais”, air bhog. Chaidh an DVD a chruthachadh mar chlàr ùr de dh’eachdraidh is ainmean àite na sgìre a bhios na ghoireas dhan choimhearsnachd air fad.

Anns an DVD, tha triùir eòlaichean às an sgìre, Ruairidh Moireasdan, Iain MacPhàil agus Fionnlagh MacLeòid a’ toirt clann-sgoile às an sgìre air chuairt air feadh Bhragair a’ mìneachadh beagan mu eachdraidh a’ bhaile agus a’ mìneachadh ainmean àitean air feadh a’ bhaile. Tha seallaidhean air leth bòidheach ri fhaicinn. Chithear seallaidhean is cluinnear fiosrachadh mu Teampall Eòin/Cill Sgàire, a tha na thogalach beag sònraichte, ’s a tha na sheasamh sàmhach an siud, co-dhiù bhon 15mh linn; an Dùn, a chaidh a thogail an Loch an Dùin ann an Linn an Iarainn bho chionn dà mhìle bliadhna, ach a tha le sheanachas fhèin ged a tha a bhalla a’ crìonadh agus Muileann nan Gobhaichean a’ mhuileann ghràn bho dheireadh a bha a’ dol ann an Leòdhas. Thathas cuideachd a’ dèanamh iomradh air a’ mhuc-mhara mhòr a thàinig air tìr an Geò na Muic ann an 1920 agus a’ cur seachad beagan ùine air an làrach far am bheil a gèillean an-àirde aig taigh, a-muigh ris a’ rathad mhòr.

Ann a bhith a’ cur an DVD air bhog, chaidh an DVD a shealltainn dha na bha an làthair agus abair gun chòrd e riutha. Bha na seallaidhean a’ toirt diofar smuaintean a-steach air na bha an làthair agus thuirt aon bhoireannach às an sgìre, “Cha mhòr nach tug na seallaidhean air fad deòir na mo shùil.”

An dèidh an DVD fhaicinn, fhuaireadh cupa tì is cèicean agus chluich Màidsear na Pìoba, Pàdraig MacAoidh, am fonn ùr, ‘Moladh Bhragair’, a sgrìobh e fhèin gu sònraichte airson an DVD. Rinn an uairsin a’ chlann a bh’ air pàirt a ghabhail san DVD seinn is cèol airson oidhche air leth dhòigheil a thoirt gu crìche.

Chaidh a’ phròiseact a chur air chois le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais agus Comann Eachdraidh an Taobh Siar. Tha Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais air a mhaoineachadh le CnaG, Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus chaidh a’ phròiseact sònraichte seo a mhaoineachadh le Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean is MG ALBA.

Tha an DVD ri fhaighinn bhon Chomunn Eachdraidh an Ionad na Seann Sgoile Shiaboist no oifis ChnaG an Steòrnabhagh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Marina Mhoireach air 01851 70 1802 neo Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach