Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Cothrom taic a chumail ri obair leasachaidh

2na Samhain 2010

Tha buidheann, a th’ air a bhi aig teis mheadhain iomairt leasachaidh na Gàidhlig fad sia bliadhna fichead a’ tabhann cothrom do dhithis anns a’ choimhearsnachd an taic a chuir ris an obair leasachaidh chudromach seo.

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) a’ lorg dithis bhall ùr airson a’ Bhòrd Stiùiridh a bhitheadh comasach is deònach an cuid dealas is sgilean a’ chur an sàs gus piseach a thoirt air suidheachadh a chànain.

Thuirt Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill: “Tha fios againn gum bheil daoine ’s a’ choimhearsnachd le fìor dheagh sgilean, agus feadhainn cuideachd a tha gu math taiceil dhan Ghàidhlig is an obair leasachaidh a tha dol air adhart.

“Aig an ìre tha seo, tha sinn gu sònraichte a’ sireadh feadhainn le sgilean is eòlas ann an obair òigridh, agus sgilean gnìomhachais. A thaobh òigridh tha sinn a’ lorg feadhainn a bhios eòlach air an seòrsa pròiseactan is tachartasan a bhitheadh tarraingeach dhan òigridh, oir tha e ro-fhollaiseach gum feum sinn ùidh agus aire an òigridh a ghlacadh dhan Ghàidhlig ma tha dol a shoirbheachadh leinn ann a bhi toirt fàs air àireamhan luchd-labhairt.

“A thaobh gnìomhachas, tha e cheart cho follaiseach gum bheil sinn uile ann an suidheachadh gu math duilich a thaobh ionmhas poblach agus maoineachadh ’s an fharsaingeachd. ’S an suidheachadh seo feumaidh h-uile buidheann bhi cinnteach gum bheil siostaman corporra is eile cho èifeachdach sa ghabhas, agus gum bheil sinn a’ gabhail brath air cothroman ùra. Le sin tha sinn a’ sireadh chuideigin le na sgilean gnothachais is corporra a bheir taic dhan raon seo dhar n-obair.”

Chaidh Comunn na Gàidhlig a stèidheachadh ann an 1984 agus tha a’ bhuidheann air a bhi an lùib obair leasachaidh na Gàidhlig bhon uairsin. Thar na bliadhnachan sin chuir CnaG gu mòr ri cuid de na ceumannan is na h-ìrean as cudromaiche air an t-slighe gus a’ Ghàidhlig a neartachadh leithid: leudachadh ann an craobh-sgaoileadh na Gàidhlig; leudachadh ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig; agus an gluasad gus Achd na Gàidhlig stèidheachadh mar phàirt de lagh na dùthcha.

’S an latha th’ann tha an obair sin a’ leantainn. Tha CnaG an sàs ann a bhi lìbhrigeadh dà chùmhnant sònraichte às leth Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Tha na cùmhnantan seo a’ gabhail a-steach raointean farsaing de dh’obair bho bhi an sàs ann an leasachadh coimhearsnachd le na h-Iomairtean Ghàidhlig; gu bhi brosnachadh is maoineachadh companaidhean is buidhnean eile le soidhnichean dà-chànanach is stuthan mhairgaideachd. Bithidh CnaG cumail taic ri obair òigridh tro na buidhnean Sradagan, a bhi stiùireadh farpaisean òigridh leithid ‘Ri Chèile’ is Deasbad Nàiseanta BT Alba cuide ri buidhnean eile, is a bhith an lùib an àite obrach le sgeamachan ‘greis gniomhachais’ is luchd-ceumnachaidh às leth Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt Cathraiche ChnaG, Dòmhnall Dòmhnallach: “Tha soirbheachas buidheann mar Chomunn na Gàidhlig a’ crochadh gu ìre air sgilean is comasan a’ Bhòrd Stiùiridh. Bu mhath leamsa taing a thoirt dhan fheadhainn a th’air an ùine is an saothair a thoirt do ChnaG thar nam bliadhnachan, is cuireadh a thoirt dha duine sam bith aig am bitheadh ùidh anns an obair fios fhàgail againn.”

Tha an tuilleadh fios mu ChnaG san fharsaingeachd, agus mu na dreuchdan seo air a’ Bhòrd Stiùiridh ri fhaotainn air an làrach-lìn aca no le bhi fònadh oifis Inbhir Nis air 01463 234138. Tha iarrtasan ri bhith a-staigh air 12 Samhain 2010.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach