Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


2na Màirt 2010

Tha pròiseact rannsachaidh gu bhith a’ measadh a’ bhuaidh agus na buannachdan de na soidhnichean dà-chànanach aig Ionadan Sgithidh na h-Alba.

Tha na soidhnichean dà-chànanachd, a tha anns an Leac; Gleann Sìth; Monadh Nibheis ’s Gleann Comhann, air a bhith ann airson 12 mìosan às dèidh taic bho Chomunn na Gàidhlig (CnaG), às leth Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. A-nise, air sgàth cho math is a tha an aimsir airson sgithidh an-dràsta air feadh na dùthcha, thathar an dòchas sùil a thoirt air beachdan nan luchd-tadhail a thaobh nan soidhnichean dà-chànanach.

Thuirt Ceannard ChnaG, Dòmhnaill MacNèill, “Leis an aimsir geamhraidheal a tha againn an-dràsta, chì sluagh-mòr nan soidhnichean dà-chànanach a tha aig na h-ionadan Sgithidh. ’S e seo cothrom math a bhith a’ ceasnachadh a’ bhuaidh de na soidhnichean am measg nan luchd-sgithidh bho na Gàidhealtachd agus taobh a-muigh na Gàidhealtachd; mòran dhiubh ’s dòcha nach fhaca soidhnichean le Gàidhlig agus Beurla riamh.

“Tha sgeama nan soidhnichean dà-chànanach air a bhith soirbheachail airson iomadach bliadhna le 100 buidhnean an sàs ann; mar sin, tha fios againn mar thà gun fhiach an sgeama a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig agus na buidhnean fhèin. ’S e a’ phrìomh amas den rannsachaidh seo a bhith a’ faighinn a-mach a bheil na soidhnichean seo a’ toirt buaidh air an dòigh a tha daoine a’ smaoineachadh air a’ Ghàidhlig, agus a’ brosnachadh na Gàidhlig agus an ùidh a tha aig daoine anns a’ Ghàidhlig; neo ma tha luchd-tadhail a’ faighinn àitichean nas tarraingeach ma tha Gàidhlig ann.”

Thèid agallamhan aghaidh ri aghaidh a dhèanamh am measg nan luchd-cleachdaidh aig Ionad Sgithidh Monadh Nibheis, agus a bharrachd air sin tha co-chomhairle ri fhaotainn air an eadar-lìon aig làrach-lìn ChnaG. Thèid duais a thabhainn dha na com-pàirtiche agus buannachaidh iad tiocaid 5-latha airson Ionad Sgithidh sam bith an Alba. Bidh an rannsachadh seo deiseil air an 23mh den Mhàirt agus bidh an crannchur a’ gabhail àite air an 29mh den Mhàirt.

Thathar an dòchas gum bi na beachdan a’ cuideachadh le poileasaidhean airson na Gàidhlig a’ leasachadh san àm ri teachd agus gur dòcha gun toir iad buaidh air atharraichean air sgeama nan soidhnichean dà-chànanach.

Tha an ath cheum de sgeama nan soidhnichean dà-chànanach a-nis fosgailte, far am faigh buidhnean taic suas ri £2000 airson nan cosgaisean a bhith a’ gabhail a-steach Gàidhlig dha na soidhnichean neo stuth margaideachd aca. Tha barrachd fiosrachaidh an seo.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach