Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna

8mh Iuchar 2010

Thathas air Co-chomunn na Pàirc, ann an Ceann a Deas na Loch ann an Leòdhas ainmeachadh an-diugh mar Gnìomhachas Gàidhlig na Bliadhna.

Chaidh an fharpais “Gnìomh” a ruith, airson a’ chiad uair am bliadhna, le Comunn na Gàidhlig (CnaG) bhon chùmhnant a th’ aca le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (InG).

Chaidh an Co-chomunn a thaghadh airson a’ phrìomh dhuais air sàilleabh na tha iad a’ dèanamh tro mheadhan na Gàidhlig, agus cho follaiseach ’s a tha an cànain san obair làitheil aca. Tha duais de £3,000 ann airson a’ chiad àite.

Chaidh an naidheachd fhoillseachadh le Ministear na Gàidhlig, Fiona Hyslop BPA is i tadhal air na h-Eileanan an Iar.

Thuirt am Ministear: “Tha e follaiseach dha rìreabh gum bheil cothroman ann do chompanaidhean a tha dèanamh obair ’s a’ Ghàidhlig ’s an latha th’ ann, agus tha Co-chomunn na Pàirc na fìor dheagh eisimpleir dhan sin leis a h-uile càil a tha iad a’ dèanamh, is a bharrachd air sin ’s an dòigh ’s am bheil iad stèidhichte ’s a’ choimhearsnachd ’s am bheil iad ag obair.”

Tha Co-chomunn na Pàirc stèidhichte ann an Ionad-tadhail Rubha an Fhithich ann an Cearsiadar. An sin tha bùth, cafaidh, ostail agus nithean eile son luchd-turais a thàladh leithid taigh-tasgaidh a’ chomuinn eachdraidh ionadail agus tasglann Aonghais MhicLeòid.

Thairis air a’ bhliadhna chaidh seachad tha a’ chompanaidh air leasachadh a dhèanamh air na seirbheisean a tha iad a’ tabhann dhan choimhearsnachd agus dhan luchd-turais, mar eisimpleir le bhith a’ ruith dà chùrsa Gàidhlig fad seachdain, far an tug iad an luchd-ionnsachaidh a-mach dhan choimhearsnachd, a’ cleachdadh muinntir an àite airson a bhith a’ leasachadh comasan labhairt an luchd-ionnsachaidh.

Thuirt Iain Randall, Cathraiche a Cho-chomuinn: “Tha sinn air leth toilichte agus moiteil an duais a tha seo ghlèidheadh. Tha a’ Ghàidhlig aig cridhe a h-uile rud ’s am bheil sinn an sàs agus tha mise den bheachd gun toir an aithne seo togail mhòr dhan luchd-obrach agus dha muinntir na coimhearsnachd ’s am bheil sinn ag obair.

“Tha e na amas againne an tuilleadh ’s an tuilleadh a dhèanamh thaobh na Gàidhlig ’s na bliadhnachan a tha romhainn, oir tha e follaiseach dhuinn gum bheil iarrtas ’son a leithid a sìor dol am meud.”

Chaidh na tagraidhean ’s an fharpais a mheas le riochdairean ChnaG; Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean; agus Bòrd na Gàidhlig. ’S an dàrna àite bha Croitearan Leòdhais, companaidh a th’ air a bhi frithealadh feumalachdan chroitearan is coimhearsnachd Leòdhais bho chionn còrr is leth cheud bliadhna. Chaidh iadsan an taghadh leis cho deònach is a bha iad dèiligeadh ri luchd-frithealaidh ’s a’ Ghàidhlig, agus an àite th’ aig a’ chànain anns na soidhnichean is stuthan margaideachd aca. Tha duais £1,500 an luib an dàrna àite.

’S an treas àite bha companaidh teicneòlas-fòn Luathnet a tha ag amas air seirbheis bann-leathann a thabhann gu sgìrean na Gàidhealtachd is nan eilean tro mheadhan na Gàidhlig ma mhiannaicheas an luchd-ceannach. Chaidh an taghadh leis cho stèidhichte ’s a tha a’ Ghàidhlig ann am planaichean is feallsanachd na companaidh, is cho follaiseach ’s a tha a’ chànan anns na stuthan margaideachd aca. Tha duais £500 an luib an treas àite.

A rèir Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNeill, ’s e toiseach tòiseachaidh mhath a bh’ ann airson farpais a thathas am beachd a chumail son co dhiù an dà bhliadhna tha ri teachd: “Tha sinn toilichte gun d’fhuair sinn deagh thagraidhean airson an duais seo. Tha na companaidhean a chuir air a shon rim moladh air fad, ach chan urrainnear uile duais ghlèidheadh. Tha sinn an dòchas gun tog seo aire dhaoine eile agus gum faic sinn an tuilleadh chompanaidhean a’ toirt inbhe nas àirde dhan Ghàidhlig ’s na bliadhnachan tha romhainn.”

Thuirt Stiùiriche Neartachadh Choimhearsnachdan aig Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, John Watt gun robh iadsan toilichte taic chumail ris an sgeama: “Tha Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean a’ creidsinn gu mòr gum bheil a’ Ghàidhlig a’ cuir ri eaconamaidh na sgìre, agus gu seachd àraid anns na sgìrean dùthchail air an taobh siar. Tha e na thoileachas mhòr dhuinn bhi faicinn an dearbhadh dhan bheachd sin san fharpais seo, le de mhisneachd aig companaidhean na sgìre dhol an sàs ann.”

Tha an fharpais ‘Gleus’ ga chumail cuideachd airson “Coimhearsnachd Ghàidhlig na Bliadhna”, agus thèid toradh an fharpais sin fhoillseachadh nas ainmich air an t-samhraidh.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach