Deasbad BT Alba 2009 air fàire

27mh Dàmhair 2009

Tha an obair ullachaidh mu dheireadh mu choinneamh Deasbad BT Alba 2009 a-nis a’ gabhail àite fad is farsaing air feadh na dùthcha. Thèid a’ chiad dà chuairt a chumail anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh an ath sheachdain, sin Dimàirt agus Diciadain an treas agus an ceathramh là den t-Samhain 2009. Bidh còig sgoiltean deug bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt as a’ cho-fharpais chliùiteach le ceithir dhiubh sin a’ dol air adhart chun an iar-chuairt a thèid a chumail ann an Ionad Sgeulachdan Dhùn Èideann air Dimàirt 24 Samhain agus gabhaidh a’ chuairt dheireannach àite aig Pàrlamaid na h-Alba air Diciadain 25 Samhain. Cluinnear cuideachd a’ chuairt dheireannach beò air BBC Radio nan Gàidheal.

Tha atharraichean beag a’ gabhail àite ann an structar farpais na bliadhna seo; a thuilleadh air na ochd sgiobaidhean a bhuannaich, thèid an dà sgioba a chaill agus aig a bheil na comharran as àirde bhon a’ chiad chuairt troimhe chun an dàrna cuairt. Anns an dàrna cuairt, bidh na sgiobaidhean a’ deasbad air an aon chuspair agus thèid na ceithir sgiobaidhean le na comharran as àirde troimhe chun an iar-chuairt dheireannach a thèid a chumail ann an Dùn Èideann. Chaidh an taghadh airson a’ Chiad Chuairt mar a leanas:

  • Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil A V Sgoil Lìonacleit
  • Àrd-sgoil Lochabair V Àrd-sgoil Ghleann Challdair A
  • Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil B V Àrd-sgoil Ghleann Challdair B
  • Àrd-sgoil Gheàrrloch V Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich
  • Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn V Sgoil MhicNeacail
  • Acadamaidh Hazlehead V Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig
  • Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu V Àrd-sgoil Sheumais Gilleasbuig
  • Acadamaidh Bhaile Theàrlaich V Àrd-sgoil Phort Rìgh

Tòisichidh Deasbad BT Alba 2009 air Dimàirt 3 Samhain aig 1.30f anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh le deasbadan eile a’ gabhail àite nas fhaide air adhart air an fheasgar aig 6.30f. Tòisichidh an dàrna cuairt air Diciadain an ceathramh là, a-rithist aig 1.30f. Tha fàilte chridheil air neach sam bith a thighinn a dh’èisteachd ri na deasbadan. Thuirt Cathraiche Comataidh Rianaidh Deasbad Nàiseanta nan Sgoiltean Ghàidhlig Calum Iain MacLeòid:

“Mholainn do dhaoine a dhol a dh’èisteachd ri Deasbad BT Alba 2009 agus taic a thoirt dha. ‘S e farpais air leth a tha seo a tha a’ sealltainn na sgilean làidir a tha sgoilearan ann an conaltradh agus deasbad. Tha e cuideachd a’ sealltainn an obair mhìorbhaileach a tha a’ gabhail àite nar sgoiltean”.

Airson tuilleadh fiosrachaidh thèid gu làrach-lìn an Deasbad.