Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

3mh Cèitean 2009

Tha Comunn na Gàidhlig air Iomairt Ghàidhlig Loch Abair a stèidheachadh, a’ chiad fhear ann an sreath de phrògraman cànain coimhearsnachd a tha ag amas air àrdachadh ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig. Chaidh Iomairt Ghàidhlig Loch Abair a chuir air bhog ann an seòmar na Comhairle ’sa Ghearasdan, far an robh sluagh mòr an làthair.

Tha Iomairtean Gàidhlig ’gan stèidheachadh an diofar choimhearsnachdan air feadh Alba leis an amas a bhith a’ cur ri àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig agus a’ cruthachadh chothroman dhaibh an cànan a chleachdadh taobh a-staigh na coimhearsnachdan. Tha Iomairtean Gàidhlig air an stiùireadh leis na coimhearsnachdan le buidhnean-stiùiridh ionadail air an ceann, a’ cumail sùil air cùisean. Thathas a’ sùileachadh gum bi na buidhnean-stiùiridh air an riochdachadh le muinntir nan coimhearsnachd aig a bheil ùidh ’sa Ghàidhlig còmhla ri riochdairean bho bhuidhnean ionadail agus nàiseanta agus riochdairean bho bhuidhnean poblach a tha a’ libhrigeadh seirbhisean ’sa choimhearsnachd,

’S i Eilidh Seathach, a th’air a h-ùr fhastadh mar Oifigear Iomairt Ghàidhlig Loch Abair, a bhios a’ co-òrdanachadh tachartasan co-cheangailte ri leasachadh Gàidhlig ann an Loch Abair. Cuideachd aig a’ choinneamh, chaidh Co-chomhairleachadh a thòiseachadh far am bheileas a’ sireadh bheachdan na coimhearsnachd air de na prìomhachasan a th’aca a thaobh leasachadh Gàidhlig. Bidh toradh na Co-chomhairleachadh seo na bhunait-obrach don Bhuidheann-stiùiridh.

Thuirt Eairdsidh MacIlleathain, Àrd Oifigear Chomunn na Gàidhlig, “Tha sinn air ar toileachadh gu bheileas air Iomairt Ghàidhlig Loch Abair air a chuir air bhog. Tha sinn gu h-àraidh toilichte leis na bha an làthair aig a’ choinneamh bhon choimhearsnachd a thuilleadh air riochdairean bho bhuidhnean nàiseanta, mar Fèisean nan Gàidheal, Comunn nam Pàrant, An Comunn Gàidhealach agus cuideachd riochdairean bho Chomhairle na Gàidhealtachd, gach cuid Buill agus Oifigearan. Tha mise a’ creidsinn gun dèan Iomairt Ghaidhlig Loch Abair diofar dhan Ghàidhlig san sgìre agus tha sinn a-nis a’ guidhe gun gabh daoine an cothrom a dhol an luib na h-Iomairt. Tha mi taingeil do Bhòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean airson an taic ann a bhith a’ stèidheachadh na h-Iomairtean Gàidhlig.”

Thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, “Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte gu bheil Iomairt Ghàidhlig Loch Abair air a chuir air bhog agus gur e seo a’ chiad tè ann an sreath de phrògraman cànain coimhearsnachd a leigeas do thuilleadh dhaoine luach agus tuigse a dhèanamh air a’ chànan agus gu h-àraidh cudromach, gun cleachd iad i. Tha am Bòrd dhan bheachd gur e aon slighe air adhart a bhith a’ targaideachadh ghoireasan ann an sgìrean, mar Loch Abair, airson stad a thoirt air a’ chrìonadh a th’ air tighinn gach cuid ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig agus cuideachd an ìre a thathas ga cleachdadh. Tha e deatamach gum bi muinntir na coimhearsnachd an luib na h-Iomairt agus gu faighear taic bho bhuidhnean coimhearsnachd le goireasan. Bheir Iomairt Ghàidhlig Loch Abair an cothrom dhuinn ar goireasan a stiùireadh ann an dòigh nas èifeachdaiche dhan sgìre agus tha e na adhbhar mhisneachaidh gu bheil uidhir de dhiofar bhuidhnean a’ tighinn còmhla airson an lìonraidh de dh’ innleachdan taic a tha a dhith airson a’ Phlana Nàiseanta a libhrigeadh. ’S ann le bhith a’ tarraing ar goireasan ri chèile agus a’ co-obrachadh ann a bhith a’ cur aghaidh air na dùbhlain a tha mar coinneamh a bhios an cothrom as fheàrr againn cùisean adhartachadh.”

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach