Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

2mh Samhain 2009

Tha a’ bhuidheann leasachaidh Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig (CnaG) air gnè na cluiche anns an t-sreath de gheamannan Camanachd/Iománaíocht Disathairne a mheas mar bhuaidh shònraichte, a dh’fhaodadh a bhith na prìomh chomharra don iomairt airson ìomhaigh nas àirde a dhleasadh don ghèam chrois-chineil seo air gach taobh de Shruth na Maoile. Bha trì geamannan ann – Fo aois-21, Mnathan agus Àrd-sgioba.

Bha gach aon de na trì geamannan Disathairne, a bha air an cluich ann an Inbhir Nis air beulaibh na h-àireamh de luchd-amhairc a bu mhotha a chunnacas airson bliadhnaichean agus a bha beò air telebhisean, air am buannachadh le Èirinn a thuilleadh air buinn airgid nan trì Sàr-chluicheadairean, a fhuair taic bho Chomunn na Gàidhlig le cuideachadh bho HIE.

A’ bruidhinn às dèidh a’ gheama thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, Cathraiche ChnaG: “Tha sinn gun teagamh a’ cur meal-a-naidheachd air na h-Èireannaich airson an dànadas a thighinn a dh’Alba agus na trì duaisean, le Cuach ùr Cholmcille san Àrd-gheam nam measg, a thogail còmhla ris na trì Buinn Airgid againn fhìn. Bha cluiche gun choimeas againn air an latha agus bha dà ghèam nam fear gu h-àraid air am moladh airson na h-oidhirp ionmholta bho na cluicheadairean. Chuir gèam na h-Àrd-sgiobaidh crìoch do-chreidsinneach air an latha leis na h-Èireannaich a’ buannachadh aig an àm a bharrachd. Cuideachd, bha sinn air leth toilichte duais an t-Sàir-chluicheadair a thoirt do na mnathan airson a’ chiad uair agus bha an caiptean Èireannach, Collette Nic Shomhairle à Árd Mhacha, glè airidh air an duais a thogail.”

Airson a’ chiad uair ann am mòran bhliadhnaichean sguab na h-Eireannaich gach nì romhpa sna trì geamannan. Bhuannaich iad a’ chiad ghèam airson fo aois-21 le dìreach aon phuing, a’ buannachadh 1-8 (11) to 0-10 (10), le fàilligeadh nan Albannach air tadhal fhaighinn a’ cosg gu mòr dhaibh. Dh’fhailnich air mnathan na h-Alba tadhal fhaighinn cuideachd agus ruith na h-Èireannaich a-mach nam buadhaichean le 2-2 (8) to 0-0 (0). Ann an àrd-ghèam a bha fìor-thogarrach bha coltas ann gun robh Alba a’ dol a chumail grèim air duais ùr Cholmcille nuair a fhuair iad tadhal co-ionnan sna diogan mu dheireadh. Ach, bhris na h-Èireannaich air falbh aig a’ cheann eile gus an gèam a bhuannachadh le tadhal aig àm leòn; an sgòr deireannach - 1-8 (11) do dh’Alba mu choinneamh 1-11 (14) do dh’Èirinn.

Gu h-ìoranach, tha soirbheachadh na h-Èireann a’ coimhead math don t-sreath, leis na buidhnean Gàidhlig, ‘s e sin Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig agus Colmcille, uile dealasach a thaobh dòighean a lorg air ìomhaigh nan iomlaidean spòrs agus cultarach a thogail aig ìrean cluba, sgoile agus eadar-nàiseanta. Thathar an dùil gun tog na trì duaisean ùidh anns a’ ghèam riaghailtean co-rèiteachaidh ann an Èirinn.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach