7mh Dàmhair 2009

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG), am buidheann leasachaidh Gàidhlig, air daingneachadh gum bi iad a’ cur taic uair eile ri oidhirpean nan sgiobaidhean camanachd Albannach anns an t-sreath eadar-nàiseanta aca de gheamannan an aghaidh Èirinn aig deireadh an Dàmhair.
Bidh na trì geamannan eadar-nàiseanta eadar Alba agus Èirinn, aig ìrean fo-aois 21, àrd-ìre agus mhnathan, a’ gabhail àite ann am Pàirc nam Bochd ann an Inbhir Nis air Disathairne 31 Dàmhair, leis a’ phrìomh ghèam, Àrd-Eadar-Nàiseanail Cholmcille airson Tilleadh Dhachaigh ga chraoladh air telebhisean leis a’ BhBC.
Bidh na trì sgiobaidhean a’ strì airson buinn an t-sàir-chluicheadair a bhios air am buileachadh do na cluicheadairean as fheàrr anns gach gèam. Tha na buinn airgid seo air a bhith gam buileachadh le CnaG gach bliadhna bho 1992, nuair a b’ e Barry Egan à Corcaigh a’ chiad chluicheadair a fhuair am bonn ann am Pàirc nam Bochd, Inbhir Nis.
Thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, Cathraiche CnaG: “Tha CnaG air leth toilichte a bhith a’ cur taic uair eile ris an oidhirp Albannach anns na geamannan eadar-nàiseanta, agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachadh do na trì sgiobaidhean agus iad a’ strì ri tilleadh leis nas urrainn dhaibh de dhuaisean. Tha e glè chudromach dhuinne a bhith an sàs ann an spòrs bho thaobh na Gàidhlig, agus tha sinn toilichte gu bheil an co-cheangal a th’ againn leis na h-eadar-nàiseanalan air Alba fhaicinn a’ soirbheachadh gu àrd-ìrean gun choimeas, le dhà no trì dhuaisean a’ tilleadh dhachaigh à Èirinn an-uiridh. Bha sinn uile toilichte le buaidh sgioba nam mnathan gu h-àraid, agus tha mi toilichte gu bheil na mnathan a’ faotainn an aithne air a bheil iad airidh le buileachadh den duais cheudna a bhithear a’ buileachadh air fo-aois 21 agus an àrd-ìre. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri tuilleadh cheanglaichean a thogail leis na h-Èireannaich tro spòrs agus cultar aig gach ìre agus cuideachd tro ghnìomhachdan co-roinnte. Tha sinn taingeil do Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean airson a mhaoin a tha a’ leigeil leinn taic a chuir ri seo.”

A’ cur fàilte air daingneachadh dhuaisean 2009, thuirt Donnchadh Camshron, Ceann-suidhe Chomann na Camanachd, agus e a’ bruidhinn anns an Òban air thoiseach air gèam Cupa a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail eadar Lochside Rovers agus Oban Celtic air Disathairne 10 Dàmhair: “Tha buinn nan sàr-chluicheadairean an-diugh am measg nan duaisean as àirde cliù do chluicheadairean camanachd fa leth, agus thathar gu mòr ga sireadh, agus tha fios agam gu bheil sùil aig na cluicheadairean Èireannach annta nuair a bhios iad a’ com-pàirteachadh sna geamannan. Tha gach buadhaiche a choisinn na buinn thar nam bliadhnaichean air a bhith barraichte nan cluiche, agus tha na cluicheadairean sin bho gach taobh a’ coimhead air na duaisean sin a bhuannachadh mar shochair ionmholta. Tha mi cuideachd toilichte gu bheil gèam nam mnathan air àrdachadh a thaobh inbhe, gu ìre a bhith aithnichte mar àrd-ùrlar freagarrach airson an onair cheudna fhaighinn. Tha mi taingeil do Chomunn na Gàidhlig airson an dealais leantainneach a thaobh nan duaisean agus tha an taic aca a’ dol gu foirfe leis an taic a bharrachd a tha sinn a’ faighinn am-bliadhna bho phròiseact Cholmcille agus Bòrd na Gàidhlig. Chan eil àrd-ùrlar taisbeanaidh nas fheàrr ann airson nan ceanglaichean spòrs agus cultarach a th’ againn eadarainn, na na geamannan dùbhlain eadar-nàiseanta.”