Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan


8mh Ògmhìos 2009

Bithear a’ cumail coinneamhan poblach gus beachdachadh air an t-slighe air adhart airson an lìonra Iomairtean Gàidhlig a tha Comunn na Gàidhlig a’ stèidheachadh air feadh Alba, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Bithear a’ stèidheachadh nan Iomairtean Cànain, a tha bonntaichte air Mentrau Iaiths na Cuimrigh a bha fìor shoirbheachail, agus a bhios nam bunaitean airson leasachadh Gàidhlig aig ìrean coimhearsnachd, ann an Leòdhas (Nis gu Càrlabhagh), Uibhist a Deas, Barraigh, Ceann a Tuath an Eilean Sgitheanaich, Loch Abair, Glaschu, Dùn Èideann agus Iar-thuath na Gàidhealtachd.

Thathar a’ cruthachadh nam buidhnean a bhios stèidhichte sa choimhearsnachd gus ìomhaigh na Gàidhlig àrdachadh ann an ceàrnaidhean sònraichte agus obrachadh còmhla ri daoine, buidhnean eile agus gnothachasan ionadail gus cleachdadh na Gàidhlig adhartachadh san sgìre. Tha dà amas shònraichte aca, meudachadh air an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig agus leudachadh air cothroman far am faodar Gàidhlig a chleachdadh. Nithear seo tro bhith a’ brosnachadh agus a’ co-òrdanachadh prògram làidir de thachartasan airson a h-uile aois agus a bheir cuideachadh mòr do na h-oidhirpean a tha a’ dol air adhart ann an cruthachadh coimhearsnachdan seasmhach.

Thuirt Archie MacIlleathain, Ceannard Comunn na Gàidhlig, “Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean ann an stèidheachadh Iomairtean Cànain air feadh Alba agus tha sinn toilichte a bhith a’ dèanamh eadar-dhealachadh anns na sgìrean ainmichte. Tha CnaG den bheachd gur e Iomairtean stèidhichte sa choimhearsnachd an dòigh air adhart airson an cànan a neartachadh agus a leasachadh ann an ceàrnaidhean far a bheil an cànan fhathast caran làidir ach daonnan ann an cunnart. Tha sinn a’ cur ìmpidh air daoine a tha airson an cànan a chumail beò com-pàirteachadh ann agus chòrdadh e rinn am faicinn aig na diofar choinneamhan a thathar a’ cur air dòigh airson mìneachadh ciamar a bhios na h-Iomairtean ag obrachadh.”

Thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig, “Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte gu bheilear a’ stèidheachadh nan iomairtean cànain. Tha am Bòrd den bheachd gun toir an lìonra Iomairtean stèidhichte sna coimhearsnachdan cothrom do bharrachd dhaoine meas a chur air a’ Ghàidhlig agus a bhith ga tuigsinn agus, gu h-àraidh, ga cleachdadh. ’S e stòras a stiùireadh a-steach do cheàrnaidhean sònraichte aon shlighe air adhart ann an cur stad air an lùghdachadh a thàinig air na h-àireamhan a tha a’ bruidhinn Gàidhlig agus cuideachd air ìre cleachdaidh a’ chànain. Tha e fìor chudromach gum bi taic againn sa choimhearsnachd agus gum bi buidhnean coimhearsnachd a’ cuideachadh le prìomhachadh stòrais. Leigidh na h-Iomairtean leinn a bhith nas èifeachdaiche le stiùireadh ar stòrais a-steach do cheàrnaidhean agus tha e math a bhith a’ coimhead uiread de bhuidhnean diofraichte a’ tighinn còmhla airson a bhith a’ cruthachadh an lìonraidh de mheadhanan taice a dh’fheumas sinn gus plana Nàiseanta na Gàidhlig a choileanadh gu h-èifeachdach. ’S e cur ar stòrais còmhla agus co-òrdanachadh nan oidhirpean a tha sinn uile a’ dèanamh airson coinneachadh ri ar dùbhlain agus amasan coitcheann a bheir dhuinn an cothrom as fheàrr air adhartas a dhèanamh.”

Thar nam beagan sheachdainean a tha romhainn bidh coinneamhan poblach ann an ceann a tuath Leòdhais, Uibhist a Deas agus Glaschu, airson na leasachaidhean sin a mhìneachadh nas fheàrr agus tha sinn a’ toirt cuireadh do gach roinn den choimhearsnachd, do bhuidhnean agus do dhaoine às gach ceàrn den sgìre chun nan coinneamhan sin. Aig na coinneamhan, bithear a’ mìneachadh nam prionnsabalan agus nan structairean agus bidh cothrom gu leòr aig na bhios an làthair cur ris an leasachadh. Às dèidh nan coinneamhan poblach sin, thèid Buidhnean-stiùiridh a chur ri chèile anns na diofar sgìrean, airson obrachadh còmhla ri Oifigearan nan Iomairtean ann an ullachadh prògraman gnìomha agus thachartasan gus daoine de gach aois a bhrosnachadh gu bhith a’ toirt taic don chànan tro obair agus cothrom.

Bidh coinneamhan poblach mar a leanas:

15 Ògmhios 2009, 7.30f, -
Spòrs Nis, Lìonal, Nis, Leòdhas

16 Ògmhios 2009, 7.30f, -
Talla Choimhearsnachd Bharabhais is Bhru, Barabhas, Leòdhas

18 Ògmhios 2009, 7f, -
Ionad Ionnsachaidh agus Co-labhairt Albany, 44 Sràid Ashley, Glaschu, G3 6DS

22 Ògmhios 2009, 7.30f, -
Ionad Seann Sgoil Shiaboist, Siabost, Leòdhas

30 Ògmhios 2009, 7.30f -
Sgoil an Ìochdair, Uibhist a Deas

1 Iuchair 2009, 7.30f -
Talla a’ Chidhe Loch Baghasdail, Uibhist a Deas

 

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach