Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

14mh Samhain 2009

Chaidh cùrsa fèin-leasachaidh a sheas seachdain a chuir air dòigh le Comunn na Gàidhlig (CnaG), ag obair còmhla ri Colaisde Caisteal Leòdhais, do luchd-ceumnachaidh a tha air greis gnìomhachais bliadhna air Sgeama Luchd-ceumnachaidh ChnaG. Chaidh Sgeama Luchd-ceumnachaidh, a th’ air a bhith a’ ruith airson còig bliadhna, a dhealbh gus cothrom a thoirt do luchd-ceumnachaidh an cuid sgilean a chleachdadh agus a ghleusadh còmhla ri luchd-fastaidh a tha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig.

Air a’ chùrsa, a bha stèidhte ann an Steòrnabhagh, fhuair an luchd-ceumnachaidh comhairle agus cuideachadh ann a bhith a’ sgrìobhadh is a’ leasachadh an dealbhan-obrach is ann a bhith a’ deisealachadh airson agallamhan. Fhuair iad cuideachd cothrom coinneachadh ri buidhnean is companaidhean a tha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig. Rè na seachdain thadhail an luchd-ceumnachaidh air diofar bhuidhnean a tha an sàs ann an leasachadh Gàidhlig, nam measg, MG ALBA, BBC Radio nan Gàidheal, Stiudio Alba is Pròiseact nan Ealan.

Thuirt Anna NicSuain, Ceannard na Gàidhlig aig Colaisde a’ Chaisteil agus a tha cuideachd na Ball de Bhòrd na Gàidhlig, “Bha e na thlachd ùine a chuir seachad còmhla ri buidheann de dh’òigridh Gàidhlig, aig a bheil ùidh sa chànan, agus ris am bi e an urra an cànan a lìbhrigeadh dhan ath ghinealach. Bha e cuideachd math conaltradh a dhèanamh leotha agus fiosrachadh a thoirt dhaibh mu na cothroman cosnaidh a th’ ann do luchd-labhairt na Gàidhlig.”

Thuirt Caomhain Walker, neach-ceumnachaidh a th’ air greis gnìomhachais aig MNE Media an Glaschu, agus a bh’ air a’ chùrsa, “Bha e mìorbhailteach coinneachadh ri luchd-ceumnachaidh eile a th’ air an Sgeama a tha ag obair an diofar raointean-obrach agus diofar cheàrnaidhean de Alba. Tha an Sgeama na dòigh air leth math cas a-steach fhaighinn dhan àite-obrach agus, a’ leantainn a’ chùrsa fèin-leasachaidh seo tha barrachd misneachd agam airson a bhith a’ cur a-steach airson obraichean agus cuideachd a’ faireachdainn nas cofhurtail mo sgilean fhoillseachadh do luchd-fastaidh.”

Bha Sìne Nicleòid à Nis, a tha na rannsaiche aig Mac TV an Steòrnabhagh air an Sgeama Luchd-ceumnachaidh ann an 2006/7, a’ faireachdainn gun rinn e feum mhòr dhi. Thuirt i, “Fhuair mise mòran bhuannachdan bho bhith air Sgeama Luchd-ceumnachaidh ChnaG. Bha mi air greis gnìomhachais aig Fosglan, Colaisde a’ Chaisteil, agus thug e dhomh cothrom mòran sgilean ùra a thogail mu eadar-theangachadh, sgilean a tha air leth feumail dhomh a-nis nam obair sna meadhanan. Thug a’ bhliadhna cothrom dhomh mo sgilean cànain a leasachadh ann an àrainneachd Ghàidhlig, ag ionnsachadh bho luchd-obrach a bha fìor eòlach air an cuid obrach. Ged a fhuair mise mo chuid foghlaim sna h-Eileanan an Iar, tha mi den bheachd gu bheil an Sgeama math airson cothrom a thoirt dhan òigridh, a th’air an cuid foghlaim fhaighinn an colaisdean/oil-thaighean air tìr-mòr, cothrom obair a lorg air ais nan coimhearsnachdan fhèin, rud a tha math do eaconamaidh na Gàidhealtachd’s nan Eilean.”

Tha naoinear luchd-ceumnachaidh an ceartuair air an Sgeama, ag obair an diofar raointean-obrach air feadh Alba. Tha Sgeama Luchd-ceumnachaidh ChnaG air a maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach