Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Taic ri Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd

20mh Giblean 2009

Tha Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd air taic làidir fhaotainn bho Chomunn na Gàidhlig (CnaG) aig àm sam bheil deasbad mhòr a’ dol a thaobh poileasaidh Gàidhlig na Comhairle agus na tha i a’ cosg air leasachadh a’ chànain ’s a chultair.

B’ i Comhairle na Gàidhealtachd, anns a’ Chèitean 2008, an ciad bhuidheann poblach a fhuair aonta Bhòrd na Gàidhlig ri Plana Gàidhlig fo Earrann 3 de Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Thuirt Cathraiche ChnaG Dòmhnall Dòmhnallach, “Tha Comhairle na Gàidhealtachd, agus Comhairle Roinn na Gàidhealtachd romhpa, air a bhith an sàs ann an leasachadh Gàidhlig thar deich bliadhna fichead, agus cha b’ e annas a bh’ ann gun robh iad air toiseach le Plana Gàidhlig. Tha a’ Chomhairle a’ tuigsinn gum bi dùbhlan aice a’ cur a’ Phlana seo an gnìomh, ach tha i cuideachd ag aithneachadh na Gàidhlig mar phàirt shònraichte de dhualchas nàiseanta na h-Alba a tha aig cridhe ìomhaigh eadar-nàiseanta na dùthcha. Ni CnaG nas urrainn dhith gus Comhairle na Gàidhealtachd a chuideachadh a’ toirt a’ Plana Gàidhlig gu buil.

“Tha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 na dhearbhadh gum bheil an riaghaltas mu dheireadh a’ gabhail uallaich cheart air an dìleab luachmhor chultarail seo. Mar a’ chomhairle ionadail a tha a’ frithealach coimhearsnachdan air tìr-mòr na Gàidhealtachd agus Eileanan air taobh an Iar-thuath Alba, tha dleastanas air Comhairle na Gàidhealtachd Gàidhlig is a cultar a leasachadh.

“Chaidh Achd na Gàidhlig a dhealbh gus co-ionnanachd spèis a thoirt dhan Ghàidhlig is dhan Bheurla; chan eil e na amas an cànan a sparradh air neach nach eil ga iarraidh. ’S ann mu cheadachd a tha seo chan ann mu sparradh; tha e mu bhith comasachadh cleachdadh cànain. Le ceartas tha Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd cuideachd ag aithneachadh an luach eacanomaigeach a dh’fhaodadh Gàidhlig a chosnadh do dh’ Alba, agus ’s e sin fear de na h-adhbhair airson soighnichean Gàidhlig a chur an sàs. Tha luach a bharrachd aig luchd turais a tha a’ faicinn a’ chànain mar seo, a’ cur ris an tlachd a th’ aca ga cluinntinn ann an ceòl is òrain Ghàidhlig aig am bheil cliù air feadh an t-saoghail.

“Tha an deasbad mu shoighnichean gun teagamh a’ toirt cothrom dha nàimhdean na Gàidhlig an cuid bheachdan a chur air adhart, ach ’s fhiach cuimhneachadh gum bheil còrr air 50 millean luchd-cleachdaidh mion-chànan anns an Aonadh Eòrpaich a-mhàin, agus chan iarradh e ach àireamh glè bheag diubh sin tighinn dhan Ghàidhealtachd gus buannachd a chosnadh às na thathas a’ tasgadh ann an leasachadh na Gàidhlig. Tha soighnichean Gàidhlig cuideachd nam pàirt chudromach de dh’ àrainneachd leasachadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, agus le barrachd phàrantan a’ tuigsinn buannachd an fhoghlaim sin tha na soighnichean a’ cur ri comasan cànain na h-òigridh.

“Aig àm far am bheil an eaconamaidh a’ crìonadh mholadh CnaG dha saoghal gnìomhachais feum a dhèanamh dhe na cothroman margaideachd agus ìomhaigh a tha Gàidhlig a’ tabhann, agus dòighean ùra innleachdach a lorg gus an cànan a chleachdadh chum am buannachd fhèin agus buannachd Alba.”

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach