Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

15mh Dùbhlachd 2009

 

Chruinnich 85 pàiste bho cheithir bhuidhnean Sradagan còmhla Disathairne aig Partaidh Nollaig na Sradagan aig Deas ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Abair gun robh deagh phartaidh aca; fhuair iad cothrom cairtean a dhèanamh, bha iad a’ seinn agus a’ cluich gheamannan, rinn iad bodaich sneachda le siùcairean, bha dithis ann a’ teagaisg sgilean siorcais agus nochd Bodach na Nollaig fhèin! Ged a bha tòrr ann fhuair gach pàiste cothrom facal fhaighinn air Santa a nochd nuair a chuala e iad a’ seinn ‘Tha Bodach na Nollaig a’ tighinn a-nochd’!

Thuirt Coinneach Combe, Oifigear Leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig, a bha an sàs san ullachadh;
“Tha mi toilichte gun robh mi aig obair aig tachartas spòrsail mar seo a chòrd ris na cloinn far an d’fhuair iad cothrom tachairt ri co-aoisean bho sgìrean eile aig a bheil Gàidhlig.”

Thuirt Magaidh Wentworth, Comann nam Pàrant (Nàiseanta);
“Tha tachartasan mar seo far a bheil cothrom air a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil agus spòrsail fior chudromach do chlann ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Bu chaomh le Comann nam Pàrant barrachd den leithid seo fhaicinn agus tha sinn toilichte taic a chumail ri cur-seachadan tro mheadhan na Gàidhlig mar a bhios a’ tachairt aig buidhnean Sradagan.”

Thuirt Eddy Cabhin, Cultar agus Spòrs Ghlaschu;
“Tha sinn ro dheònach co-obrachadh le Comunn na Gàidhlig agus pàrantan ann a bhith a’ ruith prògram soirbheachail Sradagan.”

Tha sinn airson taing a thoirt dha na daoine a chuidich leis a’ phartaidh, gu sònraichte an luchd stiùiridh agus comataidh Sradagan Ghlaschu agus Comann nam Pàrant (Nàiseanta) a chuidich le cosgaisean a’ phàrtaidh agus Cultar is Spòrs Ghlaschu a phàigh cosgaisean an talla.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach