Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 19mh Dàmhair 2009
Na farpasaich air fad

Tha buidheann de dheugairean Gàidhlig air tilleadh air ais à Doire, Èirinn a Tuath bhon Fhòram Cainte eadar-nàiseanta Gàidhlig Ri Chèile a tha air a chuir air dòigh gach bliadhna le Comunn na Gàidhlig (CnaG) ann an Alba agus Gael Linn ann an Èirinn.

Thàinig sgoilearan bho dhiofar sgìrean ann an Èirinn a Tuath agus Èirinn a Deas còmhla ri sgoilearan bho, Glaschu, Steòrnabhagh, Comar nan Allt, Baile Dhubhthaich agus Inbhir Nis. A bharrachd air an deasbad fhèin, thadhail iad air an Talla Guild ann an Doire far an do thachair iad air Pòl Flemming, Mòr-mhaor a bhaile, ghabh iad cuairt coiseachd mun cuairt nam Ballachan Derry agus turas a-mach gun an Giant’s Causeway.

’S i Caitlin Nic a' Ghobhainn à Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, Inbhir Nis a bhuannaich a’ phrìomh dhuais, bha Eilis Ní Bhraonáin, Pobalscoil Chloch Cheann Fhaolaí anns a’ chiad àite airson Èirinn agus Mairead NicLeòid à Àrd-sgoil MhicNeacail, Eilean Leòdhais anns a’ chiad àite airson Alba.

Thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, Cathraiche CnaG: “Tha CnaG air leth toilichte a bhith a’ cur taic ris an fharpais seo ann an compàirt ri Gael Linn. Tha Ri Chèile cudromach ann a bhith a’ dèanamh ceangal eadar an dà choimhearsnachd cànain”, agus mhìnich e "tha na cuairtean seo a' toirt cothroman do dh'òigridh Ghàidhlig an cuid sgilean cànain a leasachadh troimh bhith ag ullachadh agus a' gabhail pàirt anns an deasbad, a tha a’ gabhail a-staigh iomadach cuspair anns na naidheachdan. Bha sinn toilichte cuideachd cho math ’s a rinn a’ chloinn bho Alba am bliadhna agus tha sinn an dòchas gun cùm an t-adhartas sin a’ dol anns na bliadhnaichean a tha romhainn.”

A rèir Catrìona Nic a’ Phì, tidsear bho Àrd-sgoil Allt a’ Mhuilinn, Inbhir Nis " 'S e cothrom air leth a bha seo airson na sgoilearan a ghabh pàirt. Chan e a-mhàin gun tug e misneachd dhaibh ann a bhith a' labhairt gu poblach, ach gun tug e dhaibh an cothrom a bhith a' siubhal gu dùthaich eile, a' coinneachadh ri sgoilearan eile agus ag ionnsachadh mu eachdraidh na sgìre dhan deach iad. Deagh ionnsachadh anns a h-uile dòigh, a-mach às a' chlas. Bha mi cho moiteil as na sgoilearan air fad ach chuir e loinn air an turas nuair a bhuannaich tè as an sgoil againn fhin!"

An lùib chuspairean na bliadhna seo, bha ‘Am bu chòir do dh’Alba a bhi na dùthaich neo-eisimeileach’, ‘Ball-coise: cùis beatha no bàs?’, ‘Buirbe do Bheathaichean’ agus ‘Slàinte ann an Alba’.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach