Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

 

1mh Sultain 2009

Chaidh Sgeama Taic nan Oileanach a chur air bhonn an 2005 le Comunn na Gàidhlig gus cuideachadh a thoirt dha oileanaich a tha a’ dèanamh cùrsaichean Gàidhlig an oilthighean is colaistean na h-Alba. Bidh an taic-airgid a thathas a’ tabhann tron Sgeama na chuideachadh mhòr dha oileanaich le cuid de na cosgaisean a thig orra an lùib nan cùrsaichean aca. Tha Sgeama Taic nan Oileanach air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Tha an sgeama seo a’ toirt prìomhachas dha oileanaich a tha a’ dèanamh cùrsaichean teagaisg Gàidhlig ged a tha e cuideachd fosgailte dha gach oileanach a’ dèanamh cùrsa àbhaisteach ann an Gàidhlig.

Thèid taic-airgid a thoirt do thagraichean a tha a’ cur a-steach airson taic le cìsean oideachaidh fhad ’s a tha dearbhadh againn gu bheil an iarrtas iomchaidh, agus nach eil dòigh aca air taic fhaighinn bho bhuidheann sam bith eile.

An dèidh beachdachadh air iarrtasan bho oileanaich a tha a’ dèanamh cùrsaichean teagaisg Gàidhlig thèid airgead a bhios air fhàgail sa bhuidseat a roinn a-mach eadar tagraichean iomchaidh eile mar bhursaraidh, mar a chì an Stiùiriche iomchaidh. Tha an àireamh de dh’oileanaich a gheibh bursaraidh agus an suim a gheibh iad a-rèir an àireamh de dh’iarrtasan a gheibh CnaG.

Às dèidh dha CnaG a thighinn gu aonta air mar a thathas a’ roinn buidseat an sgeama, thèid seicichean a chur chun na h-oileanaich a bha soirbheachail tron a’ phost. Bithear ag iarraidh aithisg ghoirid air oileanaich a gheibh taic-airgid aig deireadh an teirm, a’ leigeil fhaicinn mar a chaidh dhaibh agus na th’ aca san amharc.

An uiridh, chaidh faisg air £20,000 a roinn a-mach eadar 55 oileanach a bha a’ dol tro foghlam àrd-ìre, gu sònraichte feadhainn a bha an sàs ann an cùrsaichean Gàidhlig ann an oilthighean is colaistean na h-Alba.

Ma tha ùidh aig oileanaich ann an Sgeama Taic nan Oileanach, gheibh iad tuilleadh fiosrachaidh mun Sgeama air an làrach-lìn neo le bhith a’ cur fòn gu Donna aig oifis ChnaG ann an Steòrnabhagh air 01851 701802 neo air post-dealain Tha am post-dealain fo dhìon an aghaidh botaichean spama. Feumaidh tu JavaScript a chus an comas gus fhaicinn. ro 30mh Sultain 2009.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach