Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Ionnsachadh Sgilean Siorcais aig Sradagan Ghlaschu

2mh Dàmhair 2009

 

Bha oidhche shònraichte aig buill Sradagan Ghlaschu a-raoir nuair a fhuair iad cothrom sgilean siorcais ionnsachadh bho dhithis a rinn bùth obrach dhaibh. Abair gun robh a’ chlann trang a’ cluich le diaboloean agus balùnaichean agus truinnsearan, a’ caisreabhachd, coiseachd le uidheamachd sònraichte is eile.

Bha 51 ball an làthair a-raoir is tha Sradagan Ghlaschu a’ dol bho neart gu neart agus tha Comunn na Gàidhlig air leth taingeil don luchd-stiùiridh agus comataidh a tha ag obair gu dlùth a’ cumail cùisean na buidhne air dòigh.

Thàinig na h-oidean a-steach mar phàirt de shreath tachartasan a th’ air an cuir air dòigh le Cultar agus Spòrs Ghlaschu. Tha sinn airson taing a thoirt dhaibh airson seo agus an taic a tha iad a’ tabhainn a thaobh an luchd-stiùiridh agus an talla.

 

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach