6mh Cèitean 2009

Bha dà thuras againn gu Tiriodh còmhla ri 35 daoine òga aois 13-15. Gu mì-fhortanach cha robh an aimsir ro mhath a’ chiad seachdain ach cha do chuir sin bacadh oirnn is chòrd e rinn gu h-uamhasach agus chunnaic sinn an t-eilean a’ coimhead cho lurach an darna seachdain. Thairis air an dà thuras rinn sinn cur-seachadan mar Tae Kwon Do, Rothar (baidhsagal) aon chuibhleach, Caisreabhachd, Maor Chladaich, Sreap Beann Haoidhnis, Cèilidh agus ar Bòtannan Fliuch ainmeil – tha agaibh ri bhi ann gus an tuig sibh............
Aon uair eile chòrd an t-eilean, na daoine, na cur-seachadan is coinneachadh còmhla ri Gàidheil òga eile ris a h-uile duine. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris an ath-bhliadhna mar thà!! A-rithist feumaidh sinn taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig airson an taic airgid a thug iad dhuinn.