An Dùbhlachd 2009

Thug Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) iomradh an-diugh air taic-airgid ùr airson na Gàidhlig; agus fianais ùr a' nochdadh air na buannchdan mòra eaconomach an lùib nam Fèisean an Alba. Tha an taic-airgid ùr a' ciallachadh gu bheil HIE a-nis a' cur roimhpe £990,000 a chuir ri obair-leasachaidh tron a' Ghàidhlig.

Tha geàrr-chunntas aithisg ùir 'Buaidh Eaconomach nam Fèisean', a chaidh a dh'iarraidh le HIE, ag innse gu bheil na Fèisean fhèin a' cur còrr is £1m ri eaconomaidh na h-Albainn agus iad a' cumail 49 cosnaidhean lan-thìde sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha an aithisg cuideachd a' cur an aire gu bheil iad a' toirt buaidh dha-rìribh air na 'sgìrean dùbhlanach', agus coimhearsnachdan nan sgìrean a' faighinn còrr is cairteal na millean nota agus 14 cosnaidhean às.

Tha an taic-airgid ùr seo a' gabhail a-steach cùmhnant £300,000 le Comunn na Gàidhlig agus iad gu bhi a' lìbhrigeadh sheirbheisean as leth HIE a-chum gus piseach mòra a thoirt air buaidh na Gàidhlig agus an dualchais Ghàidhealaich air leasachadh air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan agus gu sònraichte na sgìrean dùbhlanach.

Tha seirbheisean a' chùmhnaint seo stèidhichte air Ro-innleachd Eaconomach na h-Albainn cho math ri Plana Gàidhlig HIE, agus e a' cur prìomhachas air targaidean a leithid ro-innleachd ùr airson a' mhargaidh obrach na Gàdhlig agus iomairtean ùra a chuireas a' Ghàidhlig gu feum ann am prìomh roinnean eaconomaidh na Gàidhealtachd.

"Tha sinn gu mòr airson is gun tig fàs air cleachdadh na Gàidhlig ach cuideachd piseach mòr air àite na Gàidhlig is i air a chuir gu feum le coimhearsnachdan agus companaidhean. Tha Plana Gàidhlig HIE a' coimhead ri buannachdan aig ghnìomhachasan, gu h-àraidh an fheadhainn ud a tha an sàs anns na gnothachasan cruthachail, a' toirt seachad sheirbheisean agus feadhainn anns an roinn turasachd. Tha HIE airson is gum faic gniomhachasan a tha stèidhichte air a' Ghàidhealtachd na buannachdan an lùib a' chànain agus an dualchais shònraichte Ghàidhealaich againn." thuirt John Watt, neach-stiùiridh neartachadh choimhearsnachdan aig HIE.

Thuirt Calum Iain MacLeòid, stiùiriche leasachaidh ChnaG: "Le bhi a' cur a' chùmhnaint seo an gnìomh tharais air a' bhliadhna a tha romhainn, tha Comunn na Gàidhlig a' coimhead ri grunn iomairtean a-chum ath-bheòthachadh na Gàidhlig le taic do ghnìomhachasan agus leasachadh choimhearsnachdan air feadh na Ghàidhealtachd is nan Eilean.

Tha taic HIE ris a' Ghàidhlig cudromach dha-rìribh agus tha sinn air ar doigh glan gu bheil iad air a' chùmhnant seo a thabhainn dhuinne. Tha CnaG cuideachd toilichte gun deach Plana Ghàidhlig HIE fhoillseachadh agus tha seo a' sùileachadh suidheachadh seasmhach airson a' chànain san àm ri teachd."

A bharrachd air taic do ChnaG, the HIE a' cur £50,000 ri Pròiseact nan Ealan (PnE), agus a' bhuidhean gu bhi a' cur an gnìomh a' mhodail obrach 'iomairt sòisealta'. Tha grunn phròiseactan a' faighinn cuideachadh bho PnE, leithid Opra Hiort, taisbeanaidhean an Leabhair Mhòir cho math ris a' phròiseact ùr air a bheil 'Mo Chuid Aodaich', a thog còrr is £12,000 airson na buidhne cùraim Crossroads.

Tha HIE a' cur airgead-tasgaidh £100,000 thar trì bliadhna gu Comunn Luchd Ionnsachaidh (Clì Gàidhlig) - agus iad airson barrachd sheirbheisean ionnsachaidh ri luchd-ionnsachaidh agus buidhnean poblach is prìobhaideach mar Iomairt Sòisealta.

Bha Michael Russell a' toirt seachad òraid aig ollamhnaich bliadhnail Sabhal Mòr Ostaig an raoir nuair a chuir e air bhog 'Soillse'. 'S e com-pàirt tha seo còmhla ri OGE Mìle Bliadhna agus Sabhal Mòr Ostaig, còmhla ri na h-Olthaighean Obar-Eathainn, Dun Eidinn agus Glaschu agus Scottish Funding Council. Bidh luchd-obrach le eòlas mòr agus oileanaich PhD air am fastadh bho ionadan cheangailte. Cuidichidh an rannsachadh seo le leasachadh na Gàidhlig agus poileasaidhean agus tha HIE a' cur a-steach £400,000 a chum a' chnap-thairgse £5.29 millean.