Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

Na Geamannan Eileanach

9mh Iuchar 2009

Chaidh riochdaire bho Chomunn na Gàidhlig, Sgioba Active Schools aig Comhairle nan Eilean Siar agus MG Alba air turas gu cuide de na Bun-sgoiltean air Taobh Siar Leòdhais an t-seachdain a chaidh airson bruidhinn ris na sgoilearan mu dheidhinn na Geamannan Eileanach agus airson a chlann a’ bhrosnachadh spòrs a dhèanamh tro Ghàidhlig. Bha Marina Mhoireach agus Jenna Stùibhart a bh’ aig na Geamannan Eileanach na Cruinne ann an Åland, a’ taisbeanadh agus a’ sealltainn na cothroman a tha an lùib spòrs agus na Gàidhlig. Tha MG ALBA a’ toirt taic don sgioba nan Eilean agus chaidh Murchadh Moireasdan còmhla ris na riochdairean airson innis don chloinn mu dheidhinn an obair a tha MG ALBA agus BBC ALBA a dèanamh agus an ceangal a th’aca leis an sgioba agus le spòrs air BBC ALBA. Mar pàirt den turas fhuair Murchadh cothrom Cupa Dùbhlan ALBA a thaisbeanadh don chloinn. Tha an dealbh a’ sealltainn clann aig Bun-Sgoil Lìonal le Cupa Dùbhlan ALBA.

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach