Òigridh & Campaichean

Foghlam 's Pàrantan

BT Alba a’ leantainn le taic

17mh Giblean 2009

 

Tha BT gus leantainn le bhith a’ cumail taic-airgid ri Deasbad Nàiseanta nan Sgoiltean airson an t-aonaibh bliadhna dheug. Tha an comataidh stiùiridh cuideachd air leth toilichte dearbhadh gu bheil Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, BBC Alba, MG ALBA agus Comunn na Gàidhlig uile air aontachadh an taic a chuir ris an fharpais uair eile.

Tha Deasbad Nàiseanta BT, far an do ghabh 20 sgioba com-pàirt an-uiridh, a’ sìor fhàs agus tha e a-nise na phrìomh phàirt de chlàr acadaimigeach na sgoile. Tha an fharpais, a tha fosgailte do sgoilearan le Gàidhlig anns na h-àrd sgoiltean, a’ tàladh sgoiltean bho gach ceàrn de dh’ Alba agus tha e a’ toirt cothrom do sgoilearan, chan e a-mhàin a bhith beachdachadh agus a’ deasbad mu chuspairean an latha, ach cuideachd a’ toirt dhaibh cothrom coinneachadh ri oileanaich le Gàidhlig bho cheàrnaidhean eile den dùthaich.

Tha dùil gum bi cuairtean fosglaidh farpais na bliadhna sa air an cumail aig toiseach na Samhna anns An Lanntair, Steòrnabhagh, leis na cuairtean deireannach aig deireadh na Samhna ann am Pàrlamaid na h-Alba. Tha dùil cuideachd gum bi a’ chuairt dheireannach den fharpais air a chraoladh beò air BBC Rèidio nan Gàidheal. Thuirt Calum Iain MacLeòid, cathraiche a’ chomataidh stiùiridh; “Tha sinn air leth toilichte gu bheil BT Alba air aontachadh taic a chumail ri farpais na bliadhna seo. Tha sinn mothachail gu bheil companaidhean agus buidhnean a’ dol tro dhuilgheadasan ri linn suidheachadh an eaconomaidh agus as aonais an taic fhialaidh bho BT Alba cha bhiodh an fharpais a’ dol air adhart idir.

“Tha sinn cuideachd toilichte gu bheil Bòrd na Gàidhlig a’ cumail taic ris an fharpais. Bheir an taic a bharrachd seo cothrom dhuinn an fharpais a leasachadh agus a bhith a’ cuir ri eòlas nan com-pàirteachaidh. Tha sinn a’ dèanamh atharrachaidhean beaga ris na cuairtean aig tòiseach an fharpais am bliadhna agus tha sinn an dòchas a chuireas ri pàirteachas agus toileachas nan sgiobaidhean.”

Thuirt Liz Turner, Manaidsear Uallach Chorporra aig BT Alba, “Tha Deasbad Nàiseanta BT na dheagh sheòl gus cliù na Gàidhlig àrdachadh agus airson sgilean conaltraidh an òigridh a leasachadh. Tha sinn toilichte leantainn leis a’ chom-pàirteachais seo a-rithist an 2009.”

Thuirt Rosemary Ward, Ceannard an Gnìomh aig Bòrd na Gàidhlig, “Tha fhios agam bho m’ eòlas le bhith na mo bhritheamh aig farpais na bliadhna an-uiridh cho cudromach ‘s a tha seo mar àrd-ùrlar do na sgoiltean a tha a’ gabhail pàirt. Tha ar n-òigridh a’ dearbhadh an cuid sgilean mar òraidichean agus tha na ìrean a’ sìor dhol am meud mar a tha an fharpais air a’ dhol air adhart. Tha seo na dheagh chothrom do sgoiltean agus do dhaoine gu pearsanta deagh bheachd a chosnadh agus tha na deasbadan nan seòl dhuinn gus cothrom a thoirt do dh’ oileanaich an sgilean cànan agus deasbad a leasachadh ann an suidheachadh dùbhlanach. Tha na h-oileanaich mothachail gu bheil e na urram agus na shochair dhaibh cothrom fhaighinn a bhith a’ deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba agus tha mi cinnteach gun toir iad an cuid sgilean gu ar n-aire aon uair eile.”

Inbhir Nis

Comunn na Gàidhlig

5 Caolraid Mhìcheil

Inbhir Nis

IV2 3HQ

Alba

01463 234138

oifis@cnag.org

 

 

Steòrnabhagh

Comunn na Gàidhlig

An Tosgan

54a Rathad Shìphort

Steòrnabhagh

Eilean Leòdhais

HS1 2SD

Alba

01851 701802

oifis@cnag.org

Log a-steach