25mh Samhain 2009

Às dèidh cho àrd sa bha an ìre de dheasbad as a’ chiad dà chuairt de Dheasbad na bliadhna seo a ghabh àite anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh nas tràithe air a’ mhìos, cha robh an iar chuairt dheireannach gu bhith càil nas fhasa do na farpaisich!

’S ann an Ionad nan Sgeulachdan ann an Dùn Èideann a chaidh an iar chuairt dheireannach a chumail an raoir agus anns a’ chiad deasbad cha be strainnsearan a choinnich airson a’ chiad uair a bha againn le Àrd Sgoil MhicNeacail a’ coinneachadh Àrd-sgoil Phort Rìgh.

Bha an dà sgioba seo air leth comasach a thaobh a bhith a’ deasbad agus a’ libhrigeadh nan òraid. Feumar iomradh a thoirt air Eilidh NicDhonnchaidh à Sgoil Phort Rìgh a bha air leth comasach agus geur ann a bhith a cur nan ceist.

Ach aig a’ cheann thall tha robh ach aona sgioba gu bhith a’ dol troimhe chun a’ chuairt dheireannach agus ‘s iad Àrd-sgoil Phort Rìgh a thagh na britheamhan.

Anns an dàrna buidheann, bha Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig a’ deasbad an aghaidh Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil A.

Tha Eilidh Rothadh agus Heather Kindness à Drochaid an Easbaig air a bhith a’ gabhail pàirt anns an Deasbad airson bliadhna no dha a-nise.

Seo a’ chiad bliadhna a-riamh a bha Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil air na h-iar chuairtean dheireannach a ruighinn ann an Deasbad Bt Alba.

Às dèidh breithneachadh thàinig na britheamhan gu co-dhùnadh gur e Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig a choinnicheas ri clann-nighean Phort Rìgh as a’ chuairt dheireannach a nochd.

’S ann am Pàrlamaid na h-Alba a thèid a chuairt dheireannach a chumail a nochd, eadar Sgoil Phort Rìgh agus Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig. Cluinnear an deasbad seo beò air BBC Radio nan Gàidheal bho 7f.

’S ann air a’ chuspair “Tha an saoghal a tha seo nas fhasa dha na balaich na dhan chlann-nighinn”

Airson tuilleadh fiosrachaidh thèid gu làrach-lìn an Deasbad.