24mh Sultain 2009

Tha Comunn na Gàidhlig an sàs aig cridhe na coimhearsnachd gus fìor luach Achd na Gàidhlig agus amasan a’ Phlana Nàiseanta Gàidhlig a chuideachadh gu buil.

Tha aithisg na bliadhna 2008-09 aig CnaG a’ nochdadh gum bheil 7 Iomairt Cànain stèidhichte aig a’ bhuidheann ann an coimhearsnachdan air feadh Alba, le oifigearan leasachaidh a’ cumail taic ri muinntir nan sgìrean sin gus amasan leasachaidh a chur an gnìomh. Tha iomairtean a’ dol air adhart ann an Uibhist; Iar-thuath Leòdhais; Trondairnis; Lochabar; Dùn Èideann; Iar-thuath Chataibh, agus ann an Glaschu. Le 27 pròiseact coimhearsnachd cuideachd a’ dol air adhart gu soirbheachail, agus 30 oileanach air greisean gnìomhachais, chan ioghnadh ged a bhiodh moit as na tha a’ bhuidheann air a dhèanamh as na coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh Alba rèidh na bliadhna sin.

Tha an aithisg gu sònraichte a’ comharrachadh an aithne a fhuair obair na buidhne an luib oileanaich agus luchd-ceum, le Prìomh Mhinistear na h-Alba a toirt £70 mìle a bharrachd dhaibh airson nan iomairtean sònraichte sin eadar 2008-09 agus 2010-11.

Ann a bhith a’ toirt taing bhlàth dha Riaghaltas na h-Alba; Bòrd na Gàidhlig; Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean; Comhairlean, agus luchd taice eile, thuirt Cathraiche ChnaG, Dòmhnall Dòmhnallach, “Tha obair ChnaG a’ cur ri amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig gus an cànan a leasachadh as an dachaigh, as a’ choimhearsnachd agus as an ionad-obrach. Tha CnaG a’ cur seo air adhart le bhith a’ cuimseachadh air cridhe nan coimhearsnachdan as am bheil meas air Gàidhlig, is air a’ cultar, agus as am bheil iarrtas airson taic agus leasachadh. Chan eil e na annas mar sin gur ann mun obair againn as na coimhearsnachdan sin a tha prìomh sgeulachdan na bliadhna, agus nach math an comharradh gum bheil uimhir de dh’ obair leasachaidh a’ tachairt.

“Tha CnaG gu sònraichte toilichte a bhith a’ cuideachadh Comann nam Pàrant Nàiseanta agus ag obair cuide riutha agus Bòrd na Gàidhlig a dh’ ionnsaigh amasan Ro-innleachd Nàiseanta Foghlam Gàidhlig.”

Thuirt Ceannard ChnaG Eairdsidh MacIlleathain, “B’ e bliadhna shoirbheachail eile a bh’ aig Comunn na Gàidhlig ann an 2008/2009, le raon farsaing de phròiseactan agus thachartasan air an coilionadh agus cothroman fa leth air an gabhail gus a’ Ghàidhlig a leasachadh ann an diofar sgìrean air feadh Alba. Bha na h-iomairtean sin a’ gabhail a staigh fòghlam; sgeamaichean òigridh agus iomairtean taice nàiseanta leithid craoladh Gàidhlig, cho math ris an obair mhòr as an robh sinn an sàs as a’ choimhearsnachd. Tha mise agus an sgioba obrach air leth toilichte gum bheil uimhir de luach ga chur air na tha sinn a’ dèanamh.”

A’ leantainn a’ bhliadhna shoirbheachail a bh’ aig CnaG, tha an Ceannard, Eairdsidh MacIlleathainn air ainmeachadh gu bheil e a’ seasamh sìos bho a’ dhreuchd agus e an dùil tionndadh gu gnothaichean eile a dhèanamh. Thuirt e, “Tha mi toilichte a bhith a’ fàgail ChnaG ann an suidheachadh cho làidir agus tha mi air leth moiteil as an obair a tha sinn air a dhèanamh thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh gus a’ Ghàidhlig a neartachadh ann an diofar sgìrean air feadh Alba. Chòrdadh e rium cuideachd taing a thoirt dhan luchd-obrach agus do bhuill a’ Bhùird Stiùiridh a thug taic dhomh anns an dreuchd seo thairis air na trì bliadhna mu dheireadh agus tha mi a' guidhe gach soirbheachadh dhan bhuidheann agus iad a’ gluasad air adhart gus an obair chudromach seo a thoirt gu buil."

Thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, Cathraiche ChnaG, “Tha sinn air leth taingeil airson an obair a tha Eairdsidh air a dhèanamh às leth ChnaG agus às leth coimhearsnachd na Gàidhlig. Tha CnaG ann an suidheachadh làidir agus gu math ullaichte gus cuideachadh le bhith a’ libhrigeadh amasan gach cuid Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus Plana Ro-innleachd Eaconamach an Riaghaltais. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachadh do dh’Eairdsidh ann an ge bith dè a bhios e ris san àm ri teachd.”